Fearghasdan riaraichte le puing

  • 23 An Giblean 2018
County is Tobar na Màthar Image copyright SNS

Thuirt manaidsear eadar-amail Ross County gun robh e toilichte le puing bhon gheama an aghaidh Thobar na Màthar, a dh'aindeoin is gu bheil sgioba Inbhir Pheofharain a-nise air ais aig bonn na lìge.

Bha Steafan Fearghasdan a' bruidhinn às dèidh dhan gheama crìochnachadh 0-0 air là nuair a bha barrachd chothroman aig Tobar na Màthar.

Le Partaig a' buannachadh 2-1 an aghaidh Hamaltan aig an dearbh àm, shreap sgioba Ghlaschu air ais os cionn na Staggies.

Ach tha e coltach nach do chuir sin cus dhragh air Fearghasdan.

"Tha sinn air ais aig bonn na lìge, ach aig an àm seo den t-seusan chan ann mu dheidhinn na tha sgiobaidhean eile a' dèanamh a tha e, tha e mu ar deidhinn fhèin", thuirt Fearghasdan.

"Tha sinn air puing a thoirt bho Thobar na Màthar - sgioba fìor mhath - is cha do chaill sinn tadhal.

Cothrom

"Gabhaidh sinn a' phuing seo is nì sinn deiseil 'son nan 4 geamaichean a tha air fhàgail.

"Tha e nar làmhan fhèin, chan eil dad air atharrachadh", thuirt e.

Fhad 's a bha sin a' dol air adhart ann an Inbhir Pheofharain, bha briseadh-dùil ann do Chaley Thistle ann an Inbhir Nis.

Bha ICT feumach air na 3 puingean bho Dhùn Phàrlain is a h-uile coltas gum faigheadh iad na bha a dhìth orra, mus do chuir Nicky Clark tadhal dha na Pars anns na dìogan mu dheireadh is an geama a' crìochnachadh 2-2.

Tha sin a' fàgail gu bheil a h-uile coltas ann gur e Dùn Phàrlain a bhios anns na play-offs is gum bi Caley Thistle san Championship a-rithist an ath-sheusan.

'S e a' cheist mhòr a tha air fhàgail ann am ball-coise na Gàidhealtachd air an t-seusan seo am bi County ann còmhla riutha.