Làmh an uachdair aig na Leòdhasaich

  • 23 An Giblean 2018
Ball

'S iad na Leòdhasaich a fhuair làmh an uachdair ann an geamaichean an aghaidh sgiobaidhean à Uibhist ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.

Bha cùisean teann eadar South End is na Lochan is an geama co-ionnan 1-1 às dèidh 90 mionaid, ach chaidh na Leòdhasaich air adhart 3-2 às dèidh ùine a bharrachd.

Bha e na b' fhasa do Chàrlabhagh is iadsan a' soirbheachadh 4-1 an aghaidh Uibhist a Tuath.

Tha an Rubha troimhe cuideachd, gun bhall a bhreabadh, is Saints an Iochdair air tarraing a-mach às a' gheama eatorra air sgàth gainnead chluicheadairean.

San aon gheama eadar dà sgioba à Lìog Leòdhais is na Hearadh, rinn Aths a' chùis air a' Bhac 5-4 air breaban-peanais is an geama air crìochnachadh 0-0.

Measgaichte

Bha deireadh-seachdain rudeigin measgaichte ann do sgiobaidhean an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse.

Chaidh Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich air adhart 2-0 an aghaidh Balloan Compass.

Chaill Slèite is an t-Srath 3-2 ri ANM Ace às dèidh ùine a bharrachd ge-tà, is chaidh Malaig a-mach 5-2 an aghaidh Bellmac.

Bidh na geamaichean sa chiad chuairt den fharpais ann Disathairne an 12mh den Chèitean.

Tha na geamaichean aig sgiobaidhean bho Lìog Leòdhais is na Hearadh is Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse mar a leanas:

Beinn nam Fadhla - Nis

Athletic - United

An Taobh Siar - Barraigh

Càrlabhagh - Na Lochan

An Rubha - Èirisgeigh

Juniors Phort Rìgh - Loch Nis

Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich - Na Poilis

Ferrybache - An Caol

Caol Acainn - Hill Rovers

GA United - Abhach