Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Liam Colgan

Chaidh innse do theaghlach Liam Colgan às Inbhir Nis gun deach a chorp fhaighinn ann an Abhainn Elbe ann an Hamburg. Thàinig am fiosrachadh bho Urras Lucy Blackman, carthannas a tha a' cuideachadh theaghlaichean aig a bheil càirdean a dhìth thall-thairis. Chaidh Liam, a bha 29 bliadhna de dh'aois, a dhìth ann an Hamburg air an 10mh là den Ghearran. Ged nach eil dearbhadh oifigeil ann fhathast bha cead-dràibhidh Liam ann am pòcaid na seacaid, agus 's e an dearbh aodach a bh' ann 's a bh' air an oidhche a chaidh e a dhìth.

Aonadh na Cuspainn

Thuirt Sràid Downing a-rithist nach caraich an Riaghaltas on bheachd gum bi Breatainn a' fàgail Aonadh na Cuspainn. Bidh deasbad agus bhòt air a' cheist ann an Taigh nan Cumantan Diardaoin. Tha Buill-Phàrlamaid a th' air taobh Bhrexit ag ràdh gun cuireadh aonta cuspainn stad air Breatainn bho a bhith a' cur aontaidhean malairt ùra air dòigh. Tha Buill a tha an aghaidh Bhrexit ag ràdh gum biodh e na b' fheàrr do Bhreatainn fuireach ann an aonadh.

CalMac

Tha Bòrd Coimhearsnachd Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn ag iarraidh ath-sgrùdaidh air straiteidsidh ChalMac an-dràsta, agus anns an àm ri teachd. 'S iad CalMac fhèin a chuir air bhonn am bòrd a dh'fhaighinn beachd na coimhearsnachd. Tha am bòrd ag ràdh gu bheil e follaiseach nach eil an dòigh sa bheil CalMac a' cleachdadh nam bàtaichean aiseig ag obair, agus nach eil earbsa aca nas motha ann am planaichean na companaidh.

Salah Abdeslam

Chaidh binn 20 bliadhna sa phrìosan air an aon duine a tha beò de na tha fo amharas mu na h-ionnsaighean ceannairc ann am Paris ann an 2015. Chaidh Salah Abdeslam a dhìteadh fo chasaid gun do dh'fheuch e ri oifigearan poilis a mhurt anns a' Bheilg, goirid mus deach a chur an grèim anns a' Bhruiseil sa Mhàrt ann an 2016.

Pàiste Rìoghail

Thuirt Lùchairt Khensington gu bheil Bana-Dhiùc Chambridge san ospadal - Ospadal an Naomh Muire ann an Lunnainn - agus dùil aice ris an treas leanabh. 'S ann an sin cuideachd a rugadh am Prionnsa Seòras agus a' Bhana-Phrionnsa Charlotte, an dithis chloinne eile aice fhèin agus aig a' Phrionnsa Uilleam.

Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh am bu chòir prìsean a chur suas aig Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh. Tha oifigearan a' moladh, le cosgaisean ag èirigh, gum bu chòir iarraidh air daoine barrachd a phàigheadh airson a chleachdadh.