Banachdach a' bhalgain-bhuachair

  • 20 An Giblean 2018
Balgain-bhuachair air craoibh Image copyright Getty Images

Tha buidheann ghlèidhteachais air Ghàidhealtachd a tha ag obair gus pàirt den Choille Chailleannach a chàradh, ag ràdh gu bheil iad den bheachd gun cuidich balgain-bhuachair dùthchasach.

Nì Trees For Life deuchainn leis na fungais air oighreachd Dhul Dreagain, ann an Gleann Moireasdain, gus an till a' choille gu staid nàdarra nas sgiobalta.

Thèid measgachadh sònraichte de spòran a chur fhad 's a thathas a' cur chraobhan air na cnuic, agus fhad 's a thathas ag àrach ògan craoibhe san lios aca as t-Earrach.

Tha balgain-bhuachair nam pàirt riatanach de bheatha na talmhainn, agus tha eòlaichean air faighinn gur ann tron lìonra a chuireas fungas a-mach tron talamh a bhios craobhan agus lusan eile a' conaltradh, 's a' roinn bìdhe is mhinearalan is eile.

"'S e fear de na rudan air a bheil dearbhadh againn, airson coille aig àrd-ìre, agus coille a tha ag obair gu h-iomlan, gum feumar balgan-buachair," thuirt Doug Gilbert, a tha os cionn ghnothaichean air Oighreachd Dhul Dreagain.

"Bidh a' mhòr-chuid de dhaoine a' smaoineachadh air balgan-buachair mar an rud beag a bhios a' fàs air làr na coille.

"Ach ann an da-rìribh, 's e lìonra fon talamh a tha a' dèanamh suas a' mhòr-chuid den bhalgan-bhuachair, a tha a' sgaoileadh fo na craobhan 's am broinn na talmhainn.

"Agus tha dlùth-cheangal eadar na craobhan agus na balgain-bhuachair.

"'S e na tha sinn a' dèanamh, tha sinn a' cur beagan den spòr bhalgain-bhuachair a tha seo ris na craobhan a tha sinn a' cur, gus cuideachadh leis na craobhan iad fhèin a stèidheachadh sa choille.

"Sa bhitheantas, bidh na balgain-bhuachair a chìthear air làr na coille a' cuideachadh nan craobhan, gam beathachadh, agus tha iad cuideachd ga chleachdadh airson conaltraidh.

"Tha e dìreach iongantach gu bheil na craobhan, dha-rìribh, a' bruidhinn ri chèile, gach cuid am measg chraobhan den aon sheòrsa, agus le craobhan eile san aon choille.

"'S e meanbh-fhileamaidean mìn mìn den bhalgan-bhuachair a tha a' dèanamh seo, ag obair mar nàdar de dh'eadar-lìon na coille," thuirt e.