Ath-sgrùdadh seirbheisean rèile an taobh siar

  • 20 An Giblean 2018
Viaduct Ghleann Fhionnainn Image copyright Reuters

Thèid coimhead ri clàran-ama seirbheisean rèile eadar Baile Eilidh agus an Gearasdan, Malaig agus an t-Oban mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh ùr.

'S iad Buidheann Ath-sgrùdaidh Loidhnichean-rèile Taobh Siar na Gàidhealtachd a tha air cùl an rannsachaidh.

Chuirear a' bhuidheann air dòigh airson gun deadh sùil a thoirt air na h-atharrachaidhean a ghabhadh a dhèanamh air na clàran-ama agus am bun-structar 'son piseach a thoirt air an t-seirbheis.

Am measg na tha air an riochdachadh sa bhuidhinn tha Network Rail, Scotrail agus a' bhuidheann chòmhdhail phoblach, HITRANS.

Goireas cudromach

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, gun cuireadh luchd-siubhail fàilte air an ath-sgrùdadh.

"'S i Loidhne-rèile Taobh Siar na Gàidhealtachd tè de na loidhnichean rèile as taitnich a th' againn agus tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh leis a' ghoireas chudtromach seo às leth an luchd-cleachdaidh air fad, gu sònraichte gnìomhachas na turasachd," thuirt e.

Thuirt Rùnaire Com-pàirteachas Rèile Coimhearsnachd Taobh Siar na Gàidhealtachd, Hege Herneas, gu robh iad air a bhith ag iarraidh ath-sgrùdadh greis agus gu bheil iad air an dòigh gu bheil e a' tachairt.

"Bidh e nas fhasa do luchd-turais agus coimhearsnachdan ionadail an trèana a chleachdadh ma bhios seirbheisean a bharrachd ann agus seirbheisean a tha nas fheàrr san fharsaingeachd, thuirt e.