An Cupa Amaitearach a' tòiseachadh

  • 20 An Giblean 2018
Ball-coise

Tòisichidh grunn sgiobaidhean às na h-eileanan na h-iomairtean aca ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.

'S e seo a' chuairt dhearbhaidh den fharpais.

Tha geama mòr oidhche Haoine gus cùisean a chur gu dol is Athletic Steòrnabhaigh gu bhith strì ris a' Bhac aig Pàirc Chnoc nan Gobhar aig 6.30f.

Disathairne bidh dà sgioba à Leòdhas a' dèanamh air Uibhist le South End a' cur fàilte air na Lochan is Càrlabhagh a' dol an aghaidh Uibhist a Tuath.

Cluichidh na sgiobaidhean a shoirbheachas san dà gheama sin an aghaidh a chèile san ath-chuairt.

Bha còir geama eile a bhith eadar an dà lìog ach tha Saints an Iochdair air tarraing a-mach às a' gheama an aghaidh an Rubha an Garrabost is gainnead chluicheadairean a' bualadh orra. Tha sin a' fàgail gu bheil an Rubha a' dol troimhe gun bhall a bhreabadh.

Bidh trì sgiobaidhean à Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Ailse a' cluich is iad uile a' dol an aghaidh sgiobaidhean bho Lìog Inbhir Nis.

Bidh Malaig an aghaidh Bellmac.

Le 23 tadhail san 2 gheama a chluich Malaig am-bliadhna 's fhiach sùil a chumail air a' gheama sin.

Tha Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich aig an taigh an aghaidh Balloan Compass is Slèite is an Strath a' cur fàilte air ANM Ace.

Tha an taghadh iomlan 'son farpais na bliadhna seo an seo.