Troimhe-chèile air seirbheisean ChalMac

  • 20 An Giblean 2018
MV Clansman
Image caption Thàinig air CalMac pìos de dh'uidheamachd a' Chlansman a chur dhan Danmhaig airson càradh sònraichte.

Bidh co-dhiù sia seachdainnean eile de throimhe-chèile air cuid de sheirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Dh'innis CalMac Diardaoin nach till an Clansman nuair a bha còir aice leis gun toir e nas fhaide na bha dùil siostam proipeilear a' bhàta a chàradh.

Thuirt CalMac gum feum iad cuid de chlàran-ama sheirbheisean eile atharrachadh ri linn.

Tha Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann nach bi seirbheis eadar Malaig agus Loch Baghasdail air sgàth an troimhe-chèile.

"Bha buaidh aig trioblaidean teicnigeach an MV Clansman air Uibhist a Tuath agus na Hearadh, agus a-nis tha an aon trioblaid a' toirt buaidh mhòr air Uibhist a Deas.

"'S e briseadh-dùil dha-rìribh a th' ann gum bi seirbheisean eadar Malaig agus Loch Baghasdail air an cur dheth 'son mìos.

"Chan eil e math gu leòr gu bheil na rudan seo a' tachairt cho tric," thuirt Mgr Allan.

Dh'iarr e air a' chompanaidh smachd fhaighinn air an t-siostam a th' aca gus soithichean a chàradh agus dh'iarr e orra fiosrachadh a chumail ri daoine aig a bheil tiocaidean airson nan seirbheisean.

Dàil

Bidh CalMac a' ruith clàr-ama eadar-dhealaichte chun 31mh dhen Chèitean.

Thèid dàil trì seachdainnean a chur air sgrùdadh bliadhnail an Hebrides airson a' bheàrn sa chlàr-ama a lìonadh.

Cha bhi seirbheis idir eadar Loch Baghasdail agus Mallaig.

Bidh an Hebrides a' seòladh eadar Loch Baghasdail agus an t-Oban.

Image caption Fhuair CalMac cead dàil trì seachdainnean a chur air sgrùdadh bliadhnail a' Hebrides.

Thog Rhoda Ghrannd, tè de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an Holyrood, dragh mun bhuaidh air an eaconamaidh.

"Bidh seo na bhriseadh-dùil mòr do mhuinntir Loch Baghasdail agus Mhallaig. Le bàta a' tighinn a-steach a h-uile latha, smaoinich air a' bhuaidh a tha aig an sin air an eaconamaidh ionadail.

"Tha sinn a' cur feum air bàta a bharrachd a bhiodh ri fhaighinn nuair a tha bàtaichean a' dol tro sgrùdaidhean bliadhnail tron gheamhradh agus a dheadh a chur air slighean trang tron t-samhradh.

"Nam biodh sin againn, cha bhiodh sinn san t-suidheachadh seo a-nis," thuirt i.

Chan eil Raghnall MacFhionghuin, à Uibhist a Deas, dhen bheachd gu bheil an structar far a bheil CalMac a' ruith nan seirbheisean agus far a bheil na bàtaichean agus na puirt fo smachd CMAL, ag obrachadh.

"Chan eil iad ag èisteachd ri na daoine.

"'S fhada bho bha na daoine ag iarraidh gum bi bàta a bharrachd aca.

"Sinne a tha daonan, daonan aig earball na bà," thuirt e.

Duilich

Thuirt Àrd-stiùiriche ChalMac, Robbie Drummond, gu robh iad a' feuchainn an dìcheall dèiligeadh ris an t-suidheachadh agus gur e am prìomh amas aca an-dràsta seirbheisean riatanach a thoirt do choimhearsnachdan eileanach.

"Tha sinn duilich gu bheil obair-sgrùdaidh bhliadhnail nam bàtaichean fhathast a' dol agus clàr-ama an t-samhraidh a-nis air tòiseachadh.

"Tha fios againn gun toir seo buaidh air coimhearsnachdan agus tha sinn duilich mu a sin, ach tha sinn dhen bheachd gur e an clàr-ama eadar-amail seo an dòigh às fheàrr dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Thuirt CalMac gu robh iad a' feuchainn ri fios a chuir gu daoine a tha air tiocaidean fhaighinn airson na seirbheisean a tha ag atharrachadh.

Chuirear ìmpidh air daoine sùil a thoirt air na clàran-ama eadar-amail air làrach-lìn na companaidh ma tha iad an dùil siubhail.