Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Co-fhlaitheas

Rinn Theresa May moladh air seirbheis fhada na Bànrigh mar cheannard aig fosgladh foirmeil Coinneimh Cheannardan a' Cho-Fhlaitheis aig Lùchairt Bhuckingham. Tha riochdairean còrr 's 50 dùthaich a' cruinneachadh ann an Lunnainn a dheasbad chùisean mar ghlèidheachtas, tèarainteachd-cyber agus malairt.

Brexit

Thuirt Rùnaire Bhrexit nan Làbarach, Sir Keir Starmer, an dèidh call an Riaghaltais anns na Morairean an-dè, gum bu chòir do Theresa May a beachd air Brexit atharrachadh. Chuir na Morairean taic ri moladh thar-phàrtaidh a tha ag iarraidh air an Riaghaltas aonta cuspainn a stèidheachadh. Thuirt Sir Keir gum feum am Prìomhaire a-nis cùl a chur ri a seasamh an aghaidh aonta cuspainn leis an Aonadh Eòrpach.

Coirea a Tuath

Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gun coisich e a-mach à coinneimh le ceannard Choirea a Tuath, Kim Jong-un, ma bhios e den bheachd nach eil na còmhraidhean a' dol gu math. Thuirt e gum bi e a' sìor chur cuideim air Coirea a Tuath cuir às dhan armachd niuclasaich aca.

NHS na Gàidhealtachd

Dh'iarr am ball Tòraidheach Gàidhealach aig Holyrood, Eideard Mountain, fiosrachadh mu ath-sgrùdadh a dh'òrdaich Riaghaltas na h-Alba air stiùireadh NHS na Gàidhealtachd. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an-dè gun do dh'iarr an Riaghaltas aice an sgrùdadh aig deireadh na bliadhna an-uiridh a dh'fhaicinn am bheil am bòrd slàinte air chomas dèiligeadh ris na tha romhpa. Tha am bòrd an-dràsta ag iarraidh £15m bhon Riaghaltas a nì cobhair orra. Thuirt Eideard Mountain gu bheil dragh air a' mhòr-shluagh mu stiùireadh NHS na Gàidhealtachd agus gu bheil e follaiseach gu bheil e na dhragh dhan Riaghaltas cuideachd.

CalMac

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar a-rithist gum feum Caledonian Mac a' Bhriuthainn tuilleadh den luchd-obrach a stèidheachadh anns na h-eileanan. Thuirt an Comh. Uisdean Robasdan gum biodh tuigse nas fheàrr aig CalMac air suidheachadh nan eilean le barrachd luchd-obrach, agus feadhainn aig àrd-ìre nam measg, stèidhichte san sgìre.

Inbhir Losaidh

Tha Rùnaire an Dìon, Gavin Williamson, aig Feachd an Adhair ann an Inbhir Losaidh an-diugh far an do thòisich obair air togalach 'son an itealain-fhaire ùir, Poseidon P-8. Tha an t-itealan sin a' tighinn an àite an Nimrod a chaidh a thoirt a-mach à seirbheis bho chionn faisg air seachd bliadhna.