Ceist mu sgrùdadh NHS na Gàidhealtachd

  • 19 An Giblean 2018

Dh'iarr am ball Tòraidheach Gàidhealach aig Holyrood, Eideard Mountain, fiosrachadh mu ath-sgrùdadh air mar a thathas a' ruith NHS na Gàidhealtachd.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, Diciadain gun do dh'òrdaich Riaghaltas na h-Alba an rannsachadh an-uiridh faic an robh coimeas aig a' bhòrd slàinte dèiligeadh ri na dùbhlain a bhios rompa sna bliadhnachan ri teachd agus an sluagh a' fàs nas sine.

Tha Mgr Mountain ag ràdh gu bheil dragh air mòran daoine mu mar a tha am bòrd-slàinte air a ruith, agus e ag ràdh gu bheil e foilleasach a-nise gu bheil dragh air Riaghaltas na h-Alba cuideachd.

Thuirt cathraiche a' bhùird slàinte, Daibhidh Alston, gur e esan - seach an riaghaltas - a dh'iarr an t-ath-sgrùdadh agus gu bheilear ga dhèanamh aig àm nuair a thathas dealbhachadh dòighean ùra gus cùram slàinte agus sòisealta a thoirt còmhla.

Thuirt e cuideachd gu bheil e airson 's gum bi na siostaman aca cho làidir 's a ghabhas gus dèiligeadh ri na bhios romhpa san àm ri teachd.