Basgaidean gan goid aig bùth an Leòdhas

  • 17 An Giblean 2018
Basgaid Image copyright PA

Thàinig air bùth ann an Leòdhas sguir a thabhainn bhasgaidean air luchd-ceannaich, agus suas ri 15 san t-seachdain gan toirt air falbh.

Dh'fhoillsich Tesco ann an Steòrnabhagh brath air Facebook ag innse gun robh barrachd bhasgaidean gan òrdachadh, ach gum biodh sia seachdainean ann mus ruigeadh iad an t-eilean.

Ghuidh a' bhùth air muinntir an eilein: "Ma tha basgaid agaibh, an tilleadh sibh dhan bhùth iad? Cha chuirear ceist sam bith oirbh!"

Thuirt cuid de luchd-ceannaich gur dòcha gun robh na basgaidean gan cleachdadh airson gàirnealaireachd.

Thuirt neach eile: "Cha robh uimhir sin de bhasagaidean ann sa chiad dol a-mach. Co mheud seachdain aig 15 san t-seachdain a tha seo air a bhith a' dol air adhart?"

Am measg nam freagairtean a sgrìobh daoine don bhrath air Facebook, bha cuideigin ag ràdh gun robh na basgaidean gan cleachdadh airson a bhith a' fàs lusan annta agus airson stuth an cùl chàraichean a chumail sgiobalta.

Mhol cuid eile gun deadh tagaichean tèarainteachd a chur air basgaidean gus stad a chur air daoine bho bhith gan toirt dhachaigh.