Cunnart fhathast bho mhaoimean-sneachda

  • 16 An Giblean 2018
Luchd-coiseachd sa Mhonadh Ruadh Image copyright SAIS Ceann a Deas a' Mhonaidh Ruaidh

Thugar rabhadh do luchd-coiseachd, luchd-sreap agus luchd-sgithidh gum faodadh maoimean-sneachda a bhith nan cunnart fhathast ann an cuid a sgìrean monaidh na h-Alba.

Dh'fhoillsich Seirbheis Fiosrachaidh Maoim-sneachda na h-Alba (SAIS) an rabhadh làitheil mu dheireadh aca dhen t-seasan Là na Sàbaid.

Ach thuirt iad gu bheil sneachd fhathast sna beanntan os cionn 750 meatair (2,461 troigh) le mòran sneachd os cionn 1,000 meatair (3,281 troigh).

Chlàr an SAIS 222 maoimean-sneachda airson an t-seasain air fad.

Chan e sin am fiogair deireannach, ge-ta. Thèid sin a thoirt seachad ann an aithris bhliadhail na seirbheis.

Chaidh 90 maoim-sneachda a chlàradh air an t-seasan mu dheireadh, an àireamh as ìsle a chlàr an SAIS ann am faisg air deich bliadhna.

Bidh an SAIS a' foillseachadh fiosrachaidh a h-uile latha mu sheasmhachd an t-sneachda ann an sia sgìrean eadar meadhan na Dùbhlachd agus meadhan a' Ghiblein.

'S iad sin sgìrean Loch Abar, Gleann Cothainn, Creag Mèagaidh, Ceann a Deas a' Mhonaidh Ruaidh, Ceann a Tuath a' Mhonaidh Ruaidh agus Toirbheartan.