Tuilleadh rannsachaidh air tinneas Lyme

  • 16 An Giblean 2018
Gartan

Cluinnidh muinntir Uibhist barrachd an t-seachdain seo mu phìos rannsachaidh ùir a bhios ag amas air dèanamh a-mach carson a tha ìrean de thinneas Lyme anns na h-Eileanan cho àrd.

Bidh luchd-rannsachaidh a' feuchainn ri barrachd fhaighinn a-mach mu na gartain a tha a' giùlain agus a' sgaoileadh an tinneis.

Tha e air a bhith follaiseach airson ùine gu bheil trioblaidean air a bhith ann an Uibhist a thaobh tinneas Lyme agus na gartain.

Aig an ìre-sa chan eil fhios carson a tha an galar cho bitheanta ann an Uibhist.

Tha figearan a' sealltainn gu bheil fada a bharrachd dhaoine a' fulaing leis an tinneas ann an Uibhist na ann an àite sam bith eile 's na h-Eileanan an Iar - le fìor dhroch bhuaidh air slàinte ann an cuid a shuidheachaidhean.

Image caption Bidh beathaichean leithid nam fiadh a' giùlain nan gartan bho àite gu àite.

Tha banaltrum dìon slàinte na sgìre, Iseabail NicAonghais, a' cur fàilte air an sgrùdadh ùr.

'''S e rud fada a th' ann an rannsachadh, chan fhaigh thu freagairt an-diugh no a-màireach, bheir e bliadhnaichean mus tig na freagairtean a-mach.

''Tha sinn airson cumail oirnn am fiosrachadh a chur a-mach agus gum bi daoine a' gabhail a' chomhairle a tha sinn a' toirt dhaibh.

''Tha mi an dòchas gum faic daoine gu bheil cuideigin a' tighinn agus a' coimhead air an t-shuidheachadh againn, 's gun toir iad dhuinn comhairle air na rudan, ma dh' fhaoidte, 's urrainn dhuinn atharrachadh a dhèanamh mu dheidhinn,'' thuirt i.

Rannsachaidh ùir

Mar phàirt dhen obair rannsachaidh aice tha Iseabail NicAonghais gu bhith a' dol thall thairis gus ionnsachadh mu mar a tha dùthchanan eile a' dèiligeadh ris an tinneas.

Cuiridh sin an uairsin ris an rannsachadh a tha a' leanntainn ann an Uibhist mu mar a tha gartain a' gluasad, agus an ìre de thinneas Lyme a th' anns na gartain.

Ann an coinneamh ann an Uibhist Dimàirt, innsidh luchd-rannsachaidh mu na tha an dàn dhaibh thairis air mìosan an t-sàmhraidh.

Bidh a' choinneamh phoblach mu thinneas Lyme ann Dimàirt eadar 7:30f agus 9:30f ann an Talla Bhaile a' Mhanaich ann am Beinn na Faoghla.