CHANGE ME
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt gus a' Ghàidhlig a chur air Duolingo

13 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An cuala sibh a-riamh mu Duolingo? Uill 's e App annasach a th' ann a tha a' cuideachdadh dhaoine a bhith ag ionnsachadh chànan.

Tha iomadh cànan ri fhaotainn eadar Gearmailtis is cànan nan Klingon bho Star Trek. Ach chan eil sgeul air Gàidhlig na h-Alba.

A-nis tha Ball-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, airson sin atharrachadh, mar a tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.