Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt an Taigh Geal nach deach co-dhùnadh fhathast dè nì na Stàitean Aonaichte mun ionnsaigh cheimigich ann an Siria. Bhruidhinn an Ceann-Suidhe Trump agus Theresa May an-raoir, agus dh'aontaich iad gum feumar rudeigin a dhèanamh mun amharas gun do chleachd feachdan a' Chinn-Suidhe Assad armachd cheimigeach. Thuirt Ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, gu bheil e follaiseach gur ann a' feitheamh air comhairle a' Chinn-Suidhe Trump a tha an Riaghaltas. Thuirt ceannard nan Libearalach Deamocratach, Sir Vince Cable, gum bu chòir dhan Phrìomhaire cead na Pàrlamaid iarraidh mus tèid armachd a chur an sàs.

'S tha sgioba sgrùdaidh eadar-nàiseanta air an t-slighe gu ruige Siria an-diugh a dh'fheuchainn ri fianais fhaighinn an deach ionnsaigh cheimigeach a thoirt air sìobhaltaich.

Leas-Cheannas an SNP

'S e triùir a tha a' seasamh airson leas-cheannas an SNP, agus an ceann-ùine a' dùnadh an-diugh. Dh'fhàg Aonghas Robastan an dreuchd nuair a chaill e raon pàrlamaid Mhoireibh anns an taghadh choitcheann an-uiridh. Tha Rùnaire Eaconomaidh na h-Alba, Keith Brown, a' seasamh còmhla ris a' Chomh. Chris McEleny, agus tè de luchd-iomairt an SNP Julie Brown. Thèid an Leas-Cheannard ùr ainmeachadh aig co-labhairt an SNP anns an Ògmhios.

An Nancy Glen

Leanaidh an oidhirp an-diugh air cuirp an dithis chriutha a thoirt às a' bhàt-iasgaich an Nancy Glen ann an Loch Fìn. Chaidh an tràlair, a chaidh fodha bho chionn trì mìosan faisg air an Tairbeart, a thogail far ghrunnd na mara an-dè. Thàinig dearbhadh bho Oifis a' Chrùin gu bheil dust anns an t-soitheach. Tha dùil gur e cuirp dithis a tha a dhìth - Donnchadh MacDhùbhghaill agus Przemek Crawczyk - a tha sin.

Uard a' Chliseam

Tha dragh ann gu bheil Bòrd Slàinte nan Eilean Siar am beachd uard euslainteach inntinn, Uard a' Chliseam ann an Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh, a dhùnadh. Thuirt am Bòrd Slàinte gun tàinig iad dhan cho-dhùnadh gu bheil feadhainn san uard sin aig nach eil feum tuilleadh air cùram anns an ospadal, agus gun tèid an gluasad gu dachannan cùraim cho luath 's a tha àite ann dhaibh. Thuirt am bòrd, ma thuiteas an àireamh san uard gu triùir, gun dùin iad an uard, agus gum faigh iad sin an aon ìre de chùram ann an uardan eile san ospadal.

Barraigh

Fhuair carthannas Gàradh a' Bhàgh a Tuath ann am Barraigh £800,000 bhon Chrannchur Nàiseanta. Tha an carthannas a' cuideachadh dhaoine ciorramach agus feadhainn aig a bheil trioblaid le deoch-làidir agus drogaichean. Thèid an t-airgead a chosg air ionad ùr airson seirbheis nas fheàrr a thoirt dhan choimhearsnachd.