Plana tuathanasan èisg a' dol gu comhairlichean

  • 13 An Giblean 2018
Cidhe Stafainn Image copyright Urras Stafainn

Chuir buidheann choimhearsnachd ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich taic às ùr ri planaichean airson dà thuathanas èisg organach.

Beachdaichidh comhairlichean air an iarrtas bho Organic Sea Harvest airson tuathanasan èisg far Inbhir Thobht agus Cùl nan Cnoc an ath-sheachdain.

Thuirt Urras an Taobh Sear gun tig 14 dreuchdan an cois an leasachaidh, gum faigh a' choimhearsnachd buannachd dhìreach às, agus gun tèid leasachadh a dhèanamh air bun-structair Stafainn cuideachd.

Tha beachd ann cuideachd gun tig 38 dreuchdan eile an lùib leithid bathair agus seirbheisean.

Tha cuid air dragh a thogail mun sgeama 's iad ag ràdh nach ann an Stafainn a bhios na daoine a gheibh na h-obraichean agus gun toir an sgeama buaidh air turasachd agus air an àrainneachd.

Teagamhan

Tha Lachaidh MacGillÌosa, a bha bliadhnaichean mòra ris an iasgach san sgìre, am measg na tha teagmhach.

Tha esan den bheachd nach eil am pròiseact freagarrach a thaobh na mara.

"Chan eil doimhne uisge aig an t-slip sin idir. Tha an t-slip a tha sin a' tiormachadh suas ri cairteal de mhìle a-mach"

"Far a bheil iad ag obair a-mach, can à Stafainn ann an sin, chan eil rathad ceart ann. Chan eil ann ach seann rathad cairteach. Tha suas ri mìle dheth ann agus chan eil uisge agus chan eil dealan faisg air làimh air nas motha. Chan eil e crìochnaichte nas motha. Tha tòrr ri dhèanamh ris fhathast.

"Tha tòrr obair ri dhèanamh mus tèid an sgeama air adhart. Feumaidh tu a h-uile càil a tha sin a chur ceart an toiseach, thuirt e.

Thuirt Urras an Taobh Sear gu bheil a' mhòr-chuid a tha a' cur an aghaidh nam planaichean bho thaobh a-muigh na sgìre agus gu bheil a' chuid as motha de bhallrachd an Urrais a' cur taic ris a' phròiseact.

Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd air na planaichean Dimàirt.