Cuirp dithis anns an Nancy Glen

  • 13 An Giblean 2018
An Nancy Glen Image copyright PA

Chaidh dearbhadh gun deach dà chorp fhaighinn anns a' bhàt'-iasgaich an Nancy Glen a chaidh fodha ann an Loch Fìn ann an Earra-Ghàidheal san Fhaoilleach.

Chaidh am bàta a thogail às an uisge Diardaoin.

Bha dùil gum faodadh cuirp an dithis chriutha, Donnchadh MacDhùghaill, 46, agus Przemek Krawczyk, 38, a bhith am broinn a' bhàta.

Bha an dithis aca a' fuireach ann an Tairbeart Loch Fìn.

Dhearbh Oifis a' Chrùin Diardaoin gun deach dust a lorg ach feumar fhathast aithne oifigeil a dhèanamh air na cuirp.

Iomairt

Roghnaich luchd-rannsachaidh mara an toiseach gun an Nancy Glen a thogail, ach, às dèidh dhan na teaghlaichean iomairt a thòiseachadh airson airgead a thogail, cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba gum pàigheadh iadsan air a shon.

Image copyright Facebook
Image caption Bha Przemek Krawczyk is Donnchadh MacDhùghaill air bòrd an Nancy Glen.

Chaidh an Nancy Glen a thoirt gu uachdar na mara le bàirds sònraichte Diardaoin agus chaidh a togail às an uisge.

Thàinig an treas duine beò às an tubaist.