Dragh mu uard ospadail

  • 13 An Giblean 2018
western isles hospital

Chaidh draghan a thogail mun bheachd aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar uard a' Chliseam a dhùnadh ann an Ospadal nan Eilean.

Tha uard a' Chliseam a' toirt seachad cùraim do dh'euslaintich a tha a' fulang le dementia, agus tha am bòrd slàinte airson modal ùr de chùram inntinn a thoirt seachad ann an dachaighean cùraim agus anns a' choimhearsnachd an àite san ospadal.

Chuir am bòrd fios gu teaghlaichean nan euslainteach a tha san uard, ag innse gun robh iad airson an uard a dhùnadh aig deireadh a' Mhàirt.

Cùram air leth

Chur seo dragh mòr air cuid, nam measg Dòmhnall Moireasdan, aig a bheil piuthar san uard, a th' air a bhith ann 'son 18 mìosan.

A rèir Mhgr Mhoireasdain, tha iad a' faighinn cùraim air leth

"Tha iad an-dràsta a' faighinn frithealadh bho bhanaltraim. Cha b' urrainn dhaibh fhaighinn na b' fheàrr.

"Tha fios acasan dè tha ceàrr air na daoine 's tha iad a' faighinn frithealadh math 's tha iad a' faireachdainn dachaigheil ann.

"Tha iad a-nise a' bruidhinn air an àite a dhùnadh ... saoilidh mise gu bheil e gu math an-iochdmhor a dhùnadh 's a dh'fheuchainn ris na daoine sin a chur a dh'àiteigin eile".

Measadh

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil ochdnar euslainteach fhathast air an uard, 's nach eil àite ann far an tèid iad aig an ìre seo.

A' freagairt nam puingean a thog Mgr Moireasdan, thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gun deach measadh a dhèanamh air cuid de na h-easlantich a tha ann an Uard a' Chliseam an-dràsta, agus gun tàinig iad dhan cho-dhùnadh nach robh feum aca air cùram san ospadal, agus gun deadh an gluasad gu dachaighean cùraim cho luath 's a bha àite ri fhaotainn.

Thuirt iad cuideachd gun deadh an uard a dhùnadh nan crìonadh an àireamh de dh'euslantich gu trì, is gum faigheadh iad sin an aon ìre de chùram ann an uardan eile san ospadal.