Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt Tosgaire na Ruis ann an Lebannon gun loisg iad gu làr urchair sam bith a dh'fheuchadh na Stàitean Aonaichte air Siria, agus gum faodadh an Ruis ionnsaigh a thoirt cuideachd air làrach às am falbhadh na h-urchairean sin. Tha seo a' tighinn agus Aimeireaga, an Fhraing, agus Breatainn a' beachdachadh air ionnsaigh armaichte mar fhreagairt dhan ionnsaigh cheimigich ann an Siria. Chuir an Ruis casg an-raoir air moladh aig na Dùthchannan Aonaichte airson rannsachaidh a dhearbhadh cò a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh sin Disathairne seo chaidh.

Facebook

Cuiridh luchd-poileataigs anns na Stàitean Aonaichte tuilleadh cheistean air ceannard Facebook, Mark Zuckerberg, an-diugh fhathast. Thuirt esan, mu choinneimh comataidh anns an t-Seanadh an-dè, gu bheil e duilich mun dòigh anns an d' fhuair a' chompanaidh chomhairleachaidh phoileataigeach Cambridge Analytica sealbh air fiosrachadh pearsanta còrr is 87,000,000 de luchd-cleachdaidh Facebook.

Tesco

Chaidh 4% ri luach nan earrainnean aig Tesco an dèidh dearbhadh air prothaidean na buidhne. Rinn Tesco prothaid ro chìsean de £1.6bn air a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh, suas 28% air a' bhliadhna ron sin.

Bùthainnean

Bha bùthainnean a' dùnadh aig ìre nas luaithe air àrd-shràidean na h-Alba an-uiridh na bh' ann an sgìre sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte a rèir an luchd-comhairleachaidh PWC. Tha an aithisg ag ràdh gun do dhùin 290 bùth air feadh Alba ann an 2017, agus nach do dh'fhosgail ach 142.

Carbadan-Eiridinn

Thuirt Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba gum bi seirbheis gu math nas fheàrr aca ann am fìor cheann a tuath na h-Alba far a bheil iad air naoinear de luchd-obrach ùr fhastadh. Tha gearainnean air a bhith ann mun ùine a tha carbadan-eiridinn a' toirt a' faighinn gu euslaintich, agus cuideachd mun chuideam air an t-seirbheis a' toirt bhoireannach aig a bheil dùil ri leanabh à sgìrean mar Ghallaibh gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Cùil Lodair

Tha eòlaiche eachdraidh ag ràdh gun toir 16 taighean dhan deach cead-dealbhachaidh a thoirt faisg air Cùil Lodair fìor dhroch bhuaidh air làrach eachdraidheil a' bhlàir. Canaidh an t-Oll. Christopher Duffy aig òraid a-màireach gu bheil cunnart ann a-niste gum fosgail sin rathad gu tuilleadh leasachaidh anns an sgìre sin. Bha an t-Oll. Duffy aig aon àm a' teagasg aig acadamaidh an airm aig Sandhurst, agus cuideachd na àrd-rùnaire air Coimisean Eachdraidh Armaichte Bhreatainn.