Tuilleadh rannsachaidh air cùis Chaoimhin MhicLeòid

  • 10 An Giblean 2018
Caoimhin MacLeòid Image copyright An teaghlach MhicLeòid
Image caption Chaidh corp Chaoimhin MhicLeòid a lorg ann an cala Inbhir Ùige ann an 1997.

Dh'innis Poileas Alba gu bheil iad a' dèanamh tuilleadh rannsachaidh air mar a chaochail fear ann an Inbhir Ùige bho chionn 21 bliadhna.

Tha a theaghlach riamh air a bhith a' cumail a-mach gun deach a mhurt.

Dh'aidich na Poilis an-uiridh gun robh uireasbhaidhean anns an rannsachadh a rinn Poileas a' Chinn a Tuath air bàs Chaoimhin MhicLeòid, a bha air a mheas mar thubaist aig an àm. Tha iad air leisgeul a thabhann air a theaghlach.

Nochd fianaisiche às ùr am-bliadhna le fiosrachadh mun oidhche a bhàsaich Caoimhin MacLeòid.

Image caption Tha pàrantan Chaoimhin MhicLeòid, 24, riamh air a bhith a' cumail a-mach gun deach a mhuirt.

Thuirt an Det. Àrd-Shupt. Gareth Blair gun robh iad air bruidhinn ris an neach, agus gun robhas a' rannsachadh na bh' air thighinn am bàrr.

Thuirt e: ''Tha am fiosrachadh bhon fhianasaiche ùr ga sgrùdadh agus tha sinn cuideachd a' bruidhinn ri daoine co-cheangailte ris a' chùis, a thuilleadh air eòlaichean nàiseanta neo-eisimeileach.''

Thuirt an Det. Àrd-Shupt. Gareth Blair cuideachd gun robh oifigearan air sgrùdadh a dhèanamh air grunn oifisean poilis gus pàipearan a chruinneachadh a bhiodh feumail airson an rannsachaidh ùir aca.

Thuirt e gun dèan iad sgrùdadh air fiosrachadh ùr sam bith a nochdas agus gun cum iad fiosrachadh ri teaghlach Chaoimhin MhicLeòid mu adhartas sam bith a thèid a dhèanamh.

San Fhaoilleach chuir an teaghlach MhicLeòid agus na Poilis ìmpidh às ùr air daoine aig an robh fiosrachadh sam bhith mu bhàs Chaoimhin thighinn air adhart.