Banca-bìdh do dh' Uibhist is Barraigh

  • 9 An Giblean 2018
Banca-bìdh

Fosglaidh Banca-bìdh do dh' Uibhist is Bharraigh sa Ghiblean feuch taic a thoirt do dhaoine a tha a' tighinn beò ann am bochdainn, 's aig nach eil de dh'airgead airson biadh a cheannach dhaibh fhèin.

Thàinig diofar bhuidhnean anns na h-Eileanan Siar còmhla airson goireas ùr a chur air bhonn, 's iad ag ràdh gu bheil iarrtas ann airson a leithid anns na h-Eileanan.

Am measg eile, thathas a' coireachadh ghearraidhean cosnaidh san sgìre a thuilleadh air prìsean àrda airson teas agus connadh, airson na tha de dhaoine a tha a' tighinn beò ann am bochdainn.

Spiorad coimhearsnachd

Tha an t-Urr. Calum Mac a' Ghobhainn am measg na tha a' cur taic ris a' phròiseact, 's e ag ràdh gur ann dhan a h-uile duine a bhios an goireas.

''Bho chionn bhliadhnaichean, bha daoine dìreach a' cuideachadh càch a chèile gu nàdarrach is tha sinn ann fhathast.

''Tha mi creidsinn an rud a tha sinn a' faicinn a-nis gur dòcha gu bheil daoine a' tighinn a-steach dhan eilean nach eil eòlach air daoine, neo dìreach feadhainn a tha ga fhaighinn rudeigin duilich aideachadh gu bheil iad a' cur feum air rud.

''Tha sinn a' faicinn gu bheil daoine a' tighinn còmhla airson càch a chèile a chuideachadh.

''Tha an spiorad coimhearsnachd againn gu math làidir fhathast tro na h-Eileanan gu lèir is tha sinn a' faicinn sin dìreach mar a tha seo ag obrachadh a-mach an-dràst'.'' thuirt e.

Biadh ionadail

Tha Tagsa Uibhist am measg an fheadhainn a tha toirt taic dhan phròiseact.

Thathas an dòchas gun urrain measan agus glasraich, a thèid fhàs anns an sgìre fhèin, a chur gu feum mar phàirt den sgeama cuideachd.

Thathas ag amas air daoine a chuideachadh barrachd den bhiadh aca fhèin fhàs san fharsaingeachd, gus a dhol a-steach do na sgoiltean agus airson a dhol dhan a' Bhaca-Bìdh ùr.