Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Dr. Màrtainn Watt

Chaidh binn 12 bhliadhna anns a' phrìosan air fear a bha na dhotair an dèidh gunnaichean agus armachd a bhith aige gu cunnart beatha. Fhuair poilis na gunnaichean ann an dachaigh an Dr. Màrtainn Watt, a tha 62, ann an ceann a tuath Shiorrachd Lannraig. Bha esan air liosta a dhèanamh de dh'ainmean dhaoine a bha ag obair còmhla ris, agus a bh' air a' Bhòrd Shlàinte aig an àm a chaill e obair aig Ospadal Monklands anns an Àrd-Ruigh. Tha a' bhinn a chaidh air an Dr Watt a' ciallachadh gun tèid sùil a chumail air airson trì bliadhna an dèidh a shaorsa às a' phrìosan.

Maoineachadh Chomhairlean

Thuirt Coimisean na Cunntasachd gu bheil suidheachadh ionmhais ùghdarrasan ionadail na h-Alba aig ìre èiginn. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil gearradh cha mhòr 10% ann an luach an airgid a tha na comhairlean a' faighinn airson a chosg air seirbheisean, agus tuilleadh chuideim air na seirbheisean a tha sin aig an dearbh àm.

Co-ionnanachd Phàighidh

Tha 80% de chompanaidhean ann am Breatainn a thill fiosrachadh mu phàigheadh a' toirt pàigheadh nas motha do dh'fhireannaich na tha do bhoireannaich. 'S e meadhan-oidhche an-raoir an ceann-ùine fo am feumadh companaidhean aig a bheil còrr is 250 duine ag obair innse ciamar a tha iad a' roinn am pàighidh. Thàinig e am follais gu bheil bancaichean agus buidhnean ionmhais an Alba a' toirt pàidhidh gu math nas motha do dh'fhir na tha do bhoireannaich anns a' chumantas.

An Ruis

Thuirt am Ministear Tèarainteachd, Ben Wallace, gu bheil a h-uile coltas reusanta ann gur e Mosgo a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh le puinnsean ann an Salisbury air a' mhìos a chaidh. Tha an Ruis a-niste ag iarraidh coinneimh aig Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte a dheasbad na cùise. Thuirt Ministear Cèin na Ruis, Sergei Lavrov, gu bheil ceistean aig an Rìoghachd Aonaichte ri fhreagairt mu phuinnseanachadh Sergei Skripal agus na h-ìghne aige Yulia.

Rùm

Thuirt Seirbheis Teasairginn na h-Alba gu bheil iad a' cumail sùil air falaisgearan a th' air mu 50 acaire den mhonadh air Eilean Rùim a losgadh. Chaidh heileacoptair a chleachdadh aig aon àm airson uisge a chur air an teine, a thòisich an-dè.