Pìobairean Sgoil Lìonacleit gu New York

  • 4 An Giblean 2018
Còmhlan Pìoba Sgoil Lionacleit

Bidh còmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit a' dèanamh air New York oidhche Chiadain agus iad a' riochdachadh nan Eilean Siar aig seachdain tartain a' bhaile.

Bidh a' chlann cuideachd a' dèanamh luaidh air Eilidh NicLeòid, a bha a' cluiche sa chòmhlan, ach a chaidh a mharbhadh san ionnsaigh cheannairc ann am Manchester an-uiridh.

"'S e urram mòr a th' ann dhomhsa an còmhlan againn fhìn, còmhlan à àite beag mar Bheinn nam Fadhla, a thoirt a-null gu New York," thuirt Dòmhnall Bàn Dòmhnallach, a tha os cionn a' chòmhlain.

"Urram mòr dhan a h-uile duine againn, ach gu h-àraid a-niste tha an còmhlan againn a' dol, tha mi a' smaoineachadh gur e 2005 a chuir sinn an còmhlan ri chèile - ach seo an còmhlan a b' fheàrr a bh' agam fhathast.

Sàr-Phìobaire

"Agus tha mi an-còmhnaidh ag ràdh gu bheil a' chlann as fheàrr air an t-saoghal againne ann an seo anns na h-Eileanan," thuirt e.

Bha Eilidh NicLeòid à Barraigh dìreach 14 nuair a chaill i a beatha ann an ionnsaigh cheannairc Mhanchester.

"Bha a' phìob, bha e a' dèanamh togail mhòir do dh'Eilidh i fhèin," thuirt Dòmhnall Manford, a bha càirdeach dhi.

"Fhuair i an t-uabhas toileachadh às. Bha i math air a dhèanamh - chuir i an obair ann airson a bhith math air a dhèanamh.

"Ach bha i a' faicinn cuideachd gun robh daoine a' faighinn toileachais às a' cheòl a bha i fhèin dòigheil agus math air.

"Bha sin a' toirt an t-uabhas togail dhi fhèin gu pearsanta," thuirt e.

Image copyright An Teaghlach MhicLeòid

Bha an tàlant a bh' aig Eilidh follaiseach do Dhòmhnall Bàn.

"'S e sàr-phìobaire a bh' ann an Eilidh. Bha i uabhasach fhèin math air cluich," thuirt e.

"Agus bha i cho dìcheallach.

"Ge b' e càite an tèid sinn, cha dìochuimhnich sinn i gu sìorraidh.

"Agus bidh sinn a' cluiche set phort mar chuimhneachan air Eilidh thall an New York," thuirt e.

Dhan chloinn a th' anns a' chòmhlan, 's e cothrom air leth a th' ann a bhith ri pìobaireachd air sràidean New York.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dol a bhith gu math spòrsail is inntinneach a' falbh gu New York," thuirt Calum, a th' anns a' chòmhlan.

"A' faicinn ciamar a tha na pìobairean a' cluiche ann an Aimeireaga agus an New York.

"Agus bidh an triop fhèin gu math spòrsail," thuirt e.

Deagh Chuimhnichean

Chan eil teagamh gu bheil call Eilidh air buaidh a thoirt air a' chòmhlan. Ach tha e cuideachd air neart na cloinne a thoirt am bàrr.

"Bha e doirbh. Bha e doirbh dhan a h-uile duine," thuirt Dòmhnall Bàn.

"Ach mar a sheall iad fhèin, tha a' chlann tha iad uabhasach fhèin làidir.

Image copyright An Teaghlach MhicLeòid
Image caption Bha pìobaireachd na pàirt mhòr de bheatha Eilidh.

"Tha iad nas làidire na shaoileas tu.

"Agus tha mi a' smaointinn gun do dhearbh iad sin. Bha sinn shìos ann am Baile Dhùn Lèibhe nuair a chluich sinn na puirt ud mar chuimhneachan air Eilidh.

"An dòigh a chluich iad agus a dh'aindeoin na bh' orra de chuideam cluich, agus na bh' ann de shluagh gan èisteachd.

"Bha e dìreach mìorbhaileach. Tha mi dìreach cho moiteil àsta, cho math 's a rinn iad," thuirt e.

Dhan teaghlach, tha measgachadh de dh'fhaireachdainnean ann mun turas.

"Tha daonnan, teaghlach sam bith, a' faireachdainn tùrsach mu dheidhinn nach urrainn dhi fhèin a bhith na mheasg," thuirt Dòmhnall Manford.

"Agus an toileachas a bha e a' toirt dhi.

"Ach tha e a' togail an spioraid aig a h-uile duine gu bheil an còmhlan fhèin air a dhol o neart gu neart," thuirt e.

Tha mar a thathas a' cluich set phort mar chuimhneachan air Eilidh - Gruagach Òg an Fhuilt Bhàin nam measg - na thogail dhan teaghlach.

"Tha sin snog," thuirt Dòmhnall Manford.

"Agus tha e math fhaicinn.

"Agus tha e a' cumail a spioraid beò.

"Dè an còrr a th' againn? Dè tha sinn ag iarraidh a bhith againn ach deagh chuimhnichean," thuirt e.