Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Salisbury

Tha coinneamh ann an èiginn a' dol air adhart anns an Hague an dèidh iarrtais bhon Ruis mun ionnsaigh cheimigich ann an Salisbury. Dh'iarr an Kremlin coinneamh Buidheann Casg na h-Armachd Ceimigich, agus iad ag ràdh gum feum Breatainn leisgeul iarraidh airson a bhith ag ràdh gur i an Ruis a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh air an t-seann fhear-brathaidh Sergei Skripal 's an nighean aige ann an Salisbury bho chionn mìos.

Beàrn Pàighidh

Gheall Theresa May cur às dhan bheàrn eadar na tha fir agus boireanaich a' cosnadh. Thuirt i gu bheil còir aig boireannaich air co-ionnanachd agus gum bi an dùthaich gu lèir nas fheàrr dheth nuair a thachras sin. Feumaidh companaidhean aig a bheil còrr is 250 duine ag obair innse ro mheadhan oidhche a-nochd ciamar a tha iad a' roinn am pàighidh eadar fir agus boireannaich.

Eaconomaidh na h-Alba

Thàinig fàs aig 0.3% air eaconomaidh na h-Alba air na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Tha sin a' cur fàs na bliadhna an-uiridh gu lèir aig 1.1%, an coimeas ri 1.4% airson na Rìoghachd Aonaichte air fad.

Ìle

Tha àrd-choinneamh ann an Ìle an-diugh a' deasbad bun-structair, seirbheisean còmhdhail agus gnìomhachas an eilein. Tha riochdairean ann bho leithid Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, HIE, gnìomhachas an uisge bheatha, comhairlichean ionadail, ceannardan Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus ministearan bho Riaghaltas na h-Alba.

Stagecoach

Tha Stagecoach a' sgur de na seirbheisean ann an sgìre Loch Abair agus dùinidh an depot aca sa Ghearasdan aig deireadh na h-Ògmhìos. Tha a' chompanaidh a' toirt taic do luchd-obrach airson obair eile fhaighinn. Tha 16 duine ag obair dhaibh ann an Loch Abar, far a bheil ochd bhusaichean aca.

Ionad Hiort

Thuirt Buidheann Leasachaidh na Hearadh gu bheil am plana airson Ionad Hiort a' tighinn air adhart. Tha iad am beachd ionad a stèidheachadh eadar dà làrach - anns an Taobh Tuath agus aig cidhe an t-Òib. Tha iad an dòchas cuideachd gum bi ceangal eadar iad agus ionadan eile mu Hiort a tha san amharc ann an Ùige Leòdhais agus ann an Uibhist a Tuath.

Sgoil Lìonacleit

Tha Còmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit a' dèanamh air New York a-nochd 's iad gu bhith a' riochdachadh nan Eilean Siar aig Seachdain Thartain a' bhaile sin. Bidh a' chlann cuideachd a' dèanamh luaidh air Eilidh NicLeòid à Barraigh, a bha còmhla riutha sa chòmhlan, ach a chaill a beatha sa cheannairc ann am Manchester an-uiridh.