Stagecoach a' fàgail Loch Abair

  • 4 An Giblean 2018
Depot Stagecoach an Loch Abar Image copyright Google
Image caption Tha 16 duine a' cosnadh aig a' chompanaidh ann an Loch Abar.

Dhearbh a' chompanaidh bhusaichean Stagecoach gun dùin an depot aca ann an Loch Abar aig deireadh na h-Ògmhìos agus nach bi iad a' toirt seachad seirbheis bhus san sgìre às dèidh sin.

Tha a' bhuidheann air sgrìobhadh dhan luchd-obrach aca a tha stèidhichte sa Ghearasdan feuch cuideachadh a thoirt dhaibh le bhith a' lorg obrach ùire.

Tha Stagecoach a' ruith ochd bhusaichean às a' Ghearasdan agus a' toirt cosnaidh do 16 duine.

Thuirt a' chompanaidh gun deach co-chomhairle a chumail mun ghnothach, agus gun deach beachdachadh air iomadach dòigh gus an t-seirbheis a chumail.

Thuirt Mark Whitelocks, Stiùiriche na Companaidh 'son Ceann a Tuath na h-Alba, gu bheil iad a' tuigsinn gum bi daoine mì-thoilichte mun cho-dhùnadh, agus gur e co-dhùnadh gu math doirbh a bh' ann dhan chompanaidh.

Thuirt e gun cuidich iad an luchd-obrach aca sa Ghearasdan air a bheil seo a' toirt buaidh gus obair fhaighinn àiteigin eile taobh a-staigh na companaidh no gu obair aig companaidh eile.