Seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich fon phrosbaig

  • 29 Am Màrt 2018
NHS na Gàidhealtachd

Cha deach co-dhùnadh sam bith a dhèanamh aig Holyrood Diardaoin gus a dhol air ais air planaichean gus seirbheisean slàinte anns an Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Ros a dhealbh às ùr.

Tha an cuspair air a bhith fon phrosbaig aig Comataidh nan Ath-chuingean Poblach naoi tursan bho 2015.

Tha ath-chuinge ag iarraidh gun deadh panal neo-eisimeileach a' stèidheachadh a choimheadadh air na h-atharrachaidhean mòra a th' aig NHS na Gàidhealtachd san amharc airson na sgìre.

Tha buill-phàrlamaid thar-phàrtaidh bho sgìre na Gàidhealtachd air iarraidh gun tèid an ath-chuinge fhàgail fosgailte air sgàth na tha de dh'iomagain air daoine mu na seirbheisean slàinte.

Thèid rannsachadh eadar-dhealaichte a dhèanamh air an t-suidheachadh agus cha tèid co-dhùnadh sam bith a dhèanamh gus am bi an sgrùdadh sin deiseil.