Dh' iarr Coimisean na Croitearachd sgrùdadh air taicean airgid as dèidh Brexit.

  • 29 Am Màrt 2018
Coimisean na Croitearachd

Dh'òrdanaich Coimisean na Croitearachd sgrùdadh air dè an seòrsa taic-airgid a dh' fheumaiste a chur air dòigh nuair a dh'fhàgas an Rìoghachd Aonaichte an EU.

Chan eil e soilleir an-dràsta dè an seòrsa taic a bhios ann do chroitearan gu sònraichte.

Chan eil fhios le cinnt a bharrachd am bi uimhir de thaicean-airgid ann dhaibh.

Tha cuid air a bhith a' cumail a-mach gum bu chòir cur as dha na taicean uile gu lèir.

Thathar tric a' cluinntinn ghearainean mu na taicean a th' ann aig an ìre sa fhèin - gu bheil iad air a bhith air an gearradh agus cuideachd gu bheil e doirbh am faighinn.

Thathar cuideachd air a bhith togail theagamhan mun t-siostam a th' ann airson na taicean a phàigheadh a-mach.