CNES ceart mu Grey Lady Too

  • 28 Am Màrt 2018
Stephanie Noble agus Grey Lady Too Image copyright Other
Image caption Ghluais Stephanie Noble Grey Lady Too a-steach dhan taigh aice

Tha Siorraidh air co-dhùnadh gun robh Comhairle nan Eilean Siar ceart each a chur a-mach à taigh air a' Bhac ann an Leòdhas.

Thug Stephanie Noble Grey Lady Too a-steach dhan taigh aice air an oidhche ron Nollaig 2012, is i ag ràdh nach robh àite eile aice dhan bheathach.

Thug a' chomhairle an t-each a-mach às an taigh dà bhliadhna às dèidh sin.

Thug Stephanie Noble a' chùis gu lagh, agus a-nis, tha an Siorraidh Dàibhidh Mac an t-Sutharlanaich air co-dhùnadh aig Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh gun robh an t-ùghdarras ceart.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd, is iad ag ràdh gur e maith a' bheathaich an rud bu chudromaiche dhaibh bho chaidh iad an sàs anns a' chùis an toiseach.

Dh'òrdaich an Siorraidh cuideachd gum feumar an t-each a reic.