Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Loch Bhraoin Bheag

Chaill fireannach a bha 43, 's boireannach a bha 48 am beatha nuair a thuit càr còrr is 100 troigh far an rathaid gu ruige loch air taobh siar Rois an-dè. Cha robh anns an tubaist ach an aon chàr. Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an càr Honda Civic dhearg faisg air Àird Easaidh ri taobh Loch Bhraoin mu 3:45f an-dè.

An Ruis

Tha Astràilia am measg còrr is 20 dùthaich a tha a' cur luchd-dioplòmasach na Ruis dhachaigh an dèidh na h-ionnsaigh ceimigich ann an Salisbury. Thuirt Prìomhaire Astràilia, Malcolm Turnbull, gur e cùis uabhais a bh' anns an ionnsaigh air an t-seann fhear-brathaidh Sergei Skripal 's an nighean aige Yulia. Chaidh an Ruis às àicheadh a-rithist gun robh gnothach aca ris an ionnsaigh, agus gheall iad dìoghaltas.

Salisbury

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur taic de £1m ri gnìomhachasan ann an Salisbury mu choinneimh buaidh na h-ionnsaigh orra. Thuirt ceannard Comhairle Wiltshire gun deach an taic aontachadh aig coinneimh ann an Westminster an-dè.

Kemerovo

Bha caismeachdan 's togail fianais ann am baile Kemerovo ann an Siberia an dèidh teine a' bhòn-dè anns an do chaill 64 am beatha. Thuirt Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, an-diugh gur e somaltachd a bu choireach ris na thachair. Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gun deach inneal rabhaidh teine a thionndadh dheth, agus gun robh na dorsan a-mach às an ionad bhùthainnean dùinte.

GKN

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh gealltanais mun oidhirp air a' chompanaidh einnsinnìridh GKN a ghabhail thairis. Sgrìobh Rùnaire a' Ghnothachais Greg Clark dhan bhuidhinn-tasgaidh Melrose agus e ag iarraidh orra gabhail ri cùmhnant, am measg chùmhnantan eile, nach reic iad roinn aerospace GKN an taobh a-staigh còig bliadhna.

Col Uarach

Tha comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas ag iarraidh rannsachaidh phoblaich mun dòigh anns an do chuir Coimisean na Croitearachd a-mach às oifis iad ann an 2016. Tha a' chomataidh air sgrìobhadh gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, agus iad ag ràdh gu bheil fianais ùr aca a fhuair iad le Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 's a tha a' dearbhadh gun deach dìmeas a dhèanamh orra.