Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jeremy Corbyn

Thug ceannardan Iùdhach an aghaidh air Jeremy Corbyn 's iad a' fàgail air ceannard nan Làbarach nach eil e a' dèanamh dad mu chultar de dhìmeas air Iùdhaich. Thuirt Mgr Corbyn gu bheil esan fìor dhuilich gu bheil buidhnean beaga sa Phàrtaidh Làbarach aig a bheil taobh ri gràin an aghaidh nan Iùdhach. Bidh riochdairean Iùdhach a' togail fianais aig taighean na Pàrlamaid feasgar.

Catalonia

Tha tè a tha na h-ollamh aig Oilthigh Chille Rìmhinn am beachd i fhèin a chur ann an làmhan nam Poileas an Alba agus barrantas Eòrpach ann airson a cur an grèim. Bha Clara Poncati na ministear ann an Riaghaltas Chatalonia a rinn oidhirp air sgaradh bhon Spàinn anns an Damhair an-uiridh. Thèid seann cheannard Chatalonia, Carles Puigdemont, mu choinneimh cùirte sa Ghearmailt an-diugh an dèidh a chur an grèim an sin an-dè le barrantas den aon sheòrsa.

An Ruis

Thuirt na h-ùghdarrasan anns an Ruis gun do chaill 64 am beatha ann an teine aig ionad bhùthainnean ann am baile Kemerovo ann an Siberia. Tha 16 duine eile a dhìth. Tha e coltach gur e clann a bh' ann am mòran de na chaill am beatha.

Corrie McKeague

Chaidh innse dhan BhBC gun sguir an rannsachadh airson Corrie McKeague, fear à Fìobha a chaidh a dhìth ann an Suffolk. Bha Mgr McKeague, a bh' ann am Feachd an Adhair, 23 bliadhna de dh'aois nuair a chunnacas mu dheireadh e ann am Bury St Edmonds, anns an t-Sultain ann an 2016. Chaidh rannsachadh a dhèanamh aig òtrach ann an Cambridgeshire anns an Dùbhlachd, ach thuirt poilis nach d' fhuair iad sgeul air.

Dòmhnall Trump

Tha tè a bha na cleasaiche ann am fiolmaichean drabasta ag ràdh gun deach maoidheadh oirre a bhith sàmhach mu chàirdeas a tha i a' cumail a-mach a bh' aice le Dòmhnall Trump ann an 2006. Agus dh'innis Stormy Daniels dhan stèisean telebhisein Aimeireaganach CBS gun do ghabh i airgead bho fhear-lagha Mhgr Trump goirid ron taghadh ann an 2016 gus nach canadh i guth mun chàirdeas. Chaidh Mgr Trump às àicheadh gun robh càirdeas eatorra riamh, agus tha am fear-lagha aige a' dol às àicheadh gun deach maoidheadh air Stormy Daniels.

Bealach na Bà

Tha muinntir na Comraich a' gearain mun dòigh san tèid prìomh rathad na sgìre, Bealach na Bà, a dhùnadh eadar Diluain is Dihaoine fad sia seachdainnean on ath-mhìos. Tha Ministreachd an Dìon gu bhith a' cur chàballan bann-leathainn gu raon-rocaid san sgìre, ach tha muinntir an àite ag ràdh nach eil an MOD a' toirt feart sam bith air dragh mun bhuaidh a bheir sin air a' choimhearsnachd. Thuirt an MOD gu bheil iad an-còmhnaidh a' bruidhinn ri muinntir nan sgìrean sa bheil iad ag obair. Thuirt iad gun tug iad £20,000 dhan choimhersnachd mu choinneimh na h-obrach seo, agus gum bi bann-leathann gu math nas fheàrr anns an sgìre air a' cheann thall.