Eacarsaich èiginn air an Tairbeart

Dh'innis CalMac gum bi eacarsaich èiginn aca air an Tairbeart Dimàirt an 27mh den Mhàirt.
'S e 'Exercise Tarris' a bhios aca air a' ghnothach is bidh na seirbheisean èiginn an sàs.
Bidh an iomairt stèidhichte timcheall air an MV Hebrides.
Chaidh an aiseag a shaoradh 'son an là is cha bhi luchd-siubhail air bòrd, no buaidh air a' chlàr-ama àbhaisteach.
Thuirt CalMac gum faic muinntir na sgìre na Poilis, na Maoir-Chladaich, luchd-smàlaidh is luchd-charbad-eiridinn.
"'S e sàbhailteachd ar luchd-siubhail is criutha am prìomh amas a th' againn", thuirt Stiùiriche Sàbhailteachd is Tèarainteachd ChalMac, Louis de Wolff.
"Tha eacarsaich mar seo a' toirt cothrom dhuinn ar planaichean èiginn a chur an sàs ann an suidheachadh cho faisg air an da-rìribh 's a ghabhas.
"Seallaidh e dhuinn ma tha laigsean sam bith anns na planaichean againn, is nì e seirbheis a tha glè shàbhailte mar-thà fiù 's nas sàbhailte", thuirt i.
Tha fiosrachadh mun eacarsaich ri fhaighinn air bàtaichean is aig na puirt, no faodar fònadh gu CalMac.