Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Ghabh ceannardan an EU ri stiùireadh mun chàirdeas a bhios aca le Breatainn às dèidh Bhrexit. Tha seo a' ciallachadh gum faod an ath-ìre de chòmhraidhean air Brexit a dhol air adhart. Thuirt Theresa May gu bheil e a' dearbhadh gu bheil spionnadh às ùr anns na còmhraidhean.

An Ruis

Chuir Theresa May fàilte air an taic a fhuair i bho cheannardan eile an EU co-cheangailte ris an Ruis, agus ionnsaigh Salisbury. Tha an Kremlin air mì-thoileachas a nochdadh mu cho-dhùnadh an Aonaidh Eòrpaich an tosgaire aca a tharraing à Mosgo.

Teine Ghlaschu

Tha còig carbadan-smàlaidh agus mòran luchd-obrach aig an làraich ann am meadhan Ghlaschu far an robh teine mòr an-dè. Cha deach duine a ghoirteachadh anns an teine aig cluba-oidhche Victoria, ach thàinig air daoine togalaichcean faisg air làimh fhàgail. Thàinig air a' Phavilion Theatre air cùlaibh a' chluba-oidhche cuirmean a chur dheth. Fhuair ceò agus luath a-steach dhan àite, agus tha rabhadh ann cuideachd mu dheidhinn asbestos.

Aillse

Dh'fhaodadh 13,000 cùis aillse a bhith air an seachnadh an Alba gach bliadhna nan atharraicheadh daoine an dòigh-beatha, a rèir rannsachaidh le Cancer Research UK. Tha 250 cùis an sin gach seachdain, agus 41% de chùisean aillse ùra. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an àireamh dhaoine air an robh aillse ann an 2015, agus fhuairear gur e a bhith a' smocadh a tha ag adhbharachadh na h-àireimh as motha de chùisean aillse a ghabhadh a sheachnadh, agus gun robh reamhrachd anns an dàrna àite.

Fearann

Tha bacadh air na 's urrainn do dhaoine a cheannach de thalamh an Alba am measg mholaidhean a chaidh a chur air adhart co-cheangailte ri leasachaidhean fearainn. Tha pàipear conaltraidh Choimisein Fearainn na h-Alba a' coimhead ri grunnan rudan eile cuideachd, mar chìsean ùra agus dleastanas gum bi uachdarain a' cur seachad barrachd tìde air na h-oighreachdan aca.