Planaichean airson Loch Carrann a dhìon

  • 21 Am Màrt 2018
Creachannan-teine Image copyright Chris Rickard
Image caption Creachann-teine marbh (clì) an coimeas ri fear beò (deas).

Tha planaichean airson Sgìre-Ghlèidhte Mhara (MPA) a leudachadh ann an Loch Carrann gan cur a-mach gu co-chomhairle phoblaich.

Chaidh casg a chur an sàs le Riaghaltas na h-Alba an-uiridh gus stad a chur air iasgairean bho bhith a' dreidseadh airson chreachann agus a bhith ag iasgach ann an sgìrean far a bheil beathaichean-mara tearc.

Thàinig seo às dèidh tubaist sa Ghiblein an-uiridh far an deach milleadh mòr a dhèanamh air rìof neo-àbhaisteach de chreachainn-theine le uidheamachd dhreidsidh ann an Loch Carrann faisg air a' Phloc.

Aig an àm, cho-dhùin luchd-sgrùdaidh bho SNH, ged a chaidh milleadh mòr a dhèanamh air, gun robh cothrom aig an rìof tighinn bhuaithe seach gun robh pàirt dheth nach deach a sgrìobadh.

Ach, thug Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Chonnigean, òrdan seachad airson an làrach a chomharrachadh mar Sgìre Ghlèidhte Mhara - a' ciallachadh nach urrainn do dh'iasgairean a bhith ga dhreidseadh.

Thathas a-nis an dòchas an t-òrdan sin a leudachadh gu Sgìre-Ghlèidhte Mhara làn-ùine.

Thuirt Calum Duncan bho Chomann Dìon na Mara gu bheil e a' smaointinn gun cuir iasgairean taic ris na planaichean.

''Tha mi a' smaointinn gun deach fàilte air mar a chaidh dèiligeadh ri milleadh na bliadhna an-uiridh. Bha an fheadhainn a bha a' dreidseadh airson chreachann fiù 's ag aithneachadh nach robh na h-uimhir de mhilleadh a chaidh a dhèanamh ceart.

''Tha mi a' smaointinn gun tuig daoine gum feum na sgìrean seo a bhith air an dìon,'' thuirt e.

Tha a' cho-chomhairle a' ruith chun an 13mh là den Ògmhìos.