An là a fhras na tadhail san Àrd-Ruigh

  • 23 Am Màrt 2018
Pàipear
Image caption Mar a chaidh aithris anns na pàipearan naidheachd.

Nuair a thèid Caley Thistle Inbhir Nis an aghaidh Dhùn Bhreatainn sa chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlan na h-Alba Disathairne, 's dòcha gum bi cuid den luchd-leantainn aca a' cuimhneachadh air a' chiad turas a chluich an cluba sa gheama seo.

Tha cha mhòr 20 bliadhna ann bhon uairsin - an 21mh den t-Samhain 1999.

Cluba òg a bh' ann an Caledonian Thistle is dìreach còig bliadhna bho chaidh an stèidheachadh.

Bha iad air èirigh mar-thà bhon Treas Roinn dhan Chiad Roinn is Steve 'Pele' Paterson air sgioba fìor mhath a chur ri chèile.

Tokely, Hastings, Golabek, Sheerin, Wilson, Wyness - cuid de na seòid a thug Caley Thistle gu bàrr ann am ball-coise na h-Alba.

'S e cothrom a bha seo a' chiad chupa nàiseanta aca a bhuannachadh is bha làn-dùil gun dèanadh iad sin oir nan aghaidh - dìreach mar a bhios ann Disathairne - bha sgioba phàirt-ùine.

Chan e Dùn Bhreatainn a bh' ann ann an 1999 ach Alloa bhon Dàrna Roinn. Bha na Wasps fo stiùir Terry Christie, seann sionnach a bha air an cupa seo a bhuannachadh roimhe le Stenhousemuir is fear a bha mion-eòlach air mar a gheibheadh e a' chuid as fheàrr à sgioba phàirt-ùine.

Thòisich an sgioba aige le brag san Àrd-Ruigh, Gary Clark a' cur na Wasps air thoiseach le oidhirp bho oir a' bhocsa.

Fhreagair Barry Wilson 'son ICT, ach b' ann air ais a thàinig Alloa is Mark Wilson gam fàgail 2-1 air thoiseach air leathach ùine.

Ach cha robh an gnothach seachad aige sin.

Image caption Mar a chaidh aithris anns na pàipearan naidheachd.

'S gann gun robh an dàrna leth air tòiseachadh nuair a chaidh Dennis Wyness a leagail sa bhocsa le Derek Clark.

Chuir Pòl Sheerin - a bha e fhèin air cluich 'son Alloa mar bhalach òg ach a bha a-nise glè chudromach do dh'Inbhir Nis - am breab-peanais dhan lìon.

Bhrist Alloa a-rithist sa bhad is Màrtainn Camshron a' lasadh oidhirp seachad air Les Fridge a theab an lìon fhèin a reubadh.

Beagan mhionaidean às dèidh sin làimhsich Dàibhidh Peutan aig Alloa am ball sa bhocsa is bha breab-peanais eile aig ICT.

Chuir Sheerin a-steach e is bha na sgiobaidhean co-ionnan 3-3 gun fiù 's uair de thìde air a cluich.

Bha coltas car sgìth air Alloa a-nise is le Sheerin is Teàrlach Christie a' gabhail smachd air meadhan na pàirce bha làmh an uachdair aig Inbhir Nis.

Cha deach aca air tadhal a chur ge-tà, is chaidh na sgiobaidhean gu ùine a bharrachd.

Chaidh Alloa air ais air thoiseach a-rithist, Camshron a' briseadh air falbh a-rithist is a' dol timcheall Les Fridge mus do chuir e am ball dhan lìon.

Ach, le ochd mionaidean de dh'ùine a bharrachd air fhàgail, chuir Sheerin ICT co-ionnan a-rithist, a' drilleadh a' bhuill tro bhuidhinn de chluicheadairean.

4-4 - is dhearbhadh breaban-peanais cò thogadh an cupa.

Chuir Willie Irvine - an cluicheadair as fheàrr a bh' aig Alloa - a' chiad oidhirp a-steach.

Suas gun do nochd Pòl Sheerin - is ged a bha air 3 tadhail a chur sa gheama - dh'fhaillich air an turas seo am ball a chur dhan lìon.

Bha car eile ann, Peutan a' leadraigeadh a' bhreab aigesan far a' mhaide-tarsainn, is bha iad co-ionnan 4-4 a-rithist às dèidh 5 breaban-peanais.

Ghabh fear-glèidhidh Alloa, Mark Cairns, am ball an uairsin, a dh'aindeoin oidhirp Terry Christie stad a chur air.

Chuir Cairns rocaid àrd dhan lìon, is chaidh e sa bhad air ais eadar na puist 'son stad a chur air oidhirp Mike Teasdale is bha an cupa le Alloa.

Thug sin gu ceann, mu dheireadh thall, geama iongantach.

'S e Jim McCluskey an rèitire a bh' ann an là sin, is ged a rinn McCluskey geamaichean mòra - cuairt dheireannach Chupa Uefa is cuairtean deireannach Chupa na h-Alba - thuirt e às dèidh làimhe gum biodh cuimhne aige gu siorraidh air an là a chaidh Inbhir Nis is Alloa an sàs ann an càch a chèile san Àrd-Ruigh.

Rinn an dà sgioba eachdraidh a bharrachd anns na cupanan nas fhaide air an t-seusan sin.

Rinn Alloa a' chùis air Cille Mheàrnaig ann an Cupa na h-Alba, ach 's iad Caley Thistle a fhuair na cinn-naidheachd an t-seachdain sin le Celtic a chur a-mach às a' chupa cuideachd - sgioba Pele Paterson a' dol ballistic aig Parkhead.

Image copyright SNS
Image caption Seòras Oakley le tadhal san iar chuairt dheireannaich am-bliadhna.

Bha tòrr de na seòid a chluich an oidhche sin, agus sa chiad chuairt dheireannaich aig ICT, nam pàirt den sgioba a chaidh suas dhan Phrìomh Lìog ann an 2003/04, a' togail a' Chupa Dùbhlain ann am Peairt 2-0 an aghaidh na h-Àrd-Ruigh air an t-slighe.

Bha iad air ais sa chuairt dheireannaich ann an 2009/10, nuair a chaill iad 3-2 ri Dùn Dè.

Bhon uairsin, mar a tha fios aig a h-uile duine, tha Caley Thistle air Cupa na h-Alba fhèin a bhuannachadh.

Gabhaidh a thuigsinn, a rèiste, mura h-eil a' chuairt dheireannach Disathairne cho cudromach do dh'Inbhir Nis is an luchd-leantainn 's a a bha e ann an 1999. 'S e firinn na cùise gum b' fheàrr leotha a bhith sa Phrìomh Lìog is gun ghuth aca air an fharpais seo.

Tha Iain Robasdan air a dhèanamh follaiseach ge-tà, gu bheil iad gu mòr ag iarraidh an cupa a thogail, is bidh iad cuideachd airson Dùn Bhreatainn a chumail sìos, is sgioba Steve Aitken a-nise dìreach 4 puingean air cùl ICT san Championship.

Chìthear cuairt dheireannach Chupa Dùbhlan na h-Alba beò air BBC Alba Disathairne bho 4:00f.

Ma tha an geama seo faisg air cho math 's a bha an là a fhras na tadhail san Àrd-Ruigh, 's fhiach a choimhead.