Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-Cosnaidh

Tha cion-cosnaidh air èirigh an Alba agus cuideachd air feadh Bhreatainn. Ràinig an àireamh de dhaoine a bha a' sireadh obrach an Alba eadar an t-Samhain agus an Fhaoilleach 118,000. Bha àrdachadh de 5,000 duine an sin an coimeas ris a' chairteal ron sin. Aig a' cheart àm thuit an àireamh de dhaoine an Alba aig an robh cosnaidhean.

Teagsas

Tha duine a bha fo amharas gun robh e air cùlaibh sreath de dh'ionnsaighean boma ann an Austin, Teagsas, air bàsachadh. Chaidh aithris gun do chuir an duine, 24 bliadhna de dh'aois, làmh na bheatha fhèin le bhith a' spreadhadh boma ann an càr agus na Poilis às a dhèidh. Tha an FBI a' sgrùdadh na làraich. Bha ceithir ionnsaighean boma ann an Austin, agus aonan ann an Schertz, 65 mìle deas air Austin.

Afganastan

Chaidh co-dhiù 26 duine a mharbhadh ann an spreadhadh fèin-mhairbhteach ann am prìomh bhaile Afganastan, Kabul. Thuirt an Stàit Ioslamach gur iad a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Cambridge Analytica

Tha a' chompanaidh fhiosrachaidh, Cambridge Analytica, air an àrd-oifigear aca a chur às a dhreuchd rè ùine. Tha a' chompanaidh fo amharas gun robh iad a' cleachdadh fiosrachaidh phearsanta bho Facebook airson buaidh a thoirt air taghadh a' Chinn-Suidhe ann an Aimeireaga ann an 2016. Thuirt a' chompanaidh nach robh clàraidhean dìomhair de dh'Alexander Nix a chaidh a chraoladh air Sianal 4 idir a' riochdachadh dhòighean-obrach na companaidh.

Deoch-làidir

Dh'innis luchd-rannsachaidh aig oilthighean Ghlaschu agus Dhùn Èideann gu bheil ro-innleachdan radaigeach a thaobh deoch-làidir air cuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ri slàinte phoblaich ann an Alba. Ach thuirt iad gum bu chòir dhan Riaghaltas beachdachadh air far a bheil deoch-làidir ri fhaotainn, agus 's dòcha bacadh a chur air mar a tha e air a reic ann an sgìrean bochda.