Prìosan do dh'fhear a dh'fhalbh le pàiste

  • 20 Am Màrt 2018
Dawid Grzybek

Chaidh ochd mìosan sa phrìosan air fireannach a dh'fhalbh le balach air a bheil autism aig Stèisean Rèile Inbhir Nis.

Thachair e air an 18mh là den Ghearran, nuair a thug màthair a' bhalaich, a tha 10, a sùilean dheth a choimhead ri iris.

Nuair a choimhead i a-rithist bha a mac ga ghiùlain air falbh le fear Dawid Grzybek, 31.

Fhuair am balach às a làmhan, agus ruith e air ais gu a mhàthair.

Aithisgean Saic-Eòlach

Chaidh Grzybek a lorg gu sgiobalta.

Chuala a' chùirt gun deach a dhìteadh roimhe airson rud coltach ri sin a dhèanamh air nighean, 15, an-uiridh.

Dh'innis Grzybek caochladh sgeulachdan do na Poilis mu na bha e air a dhèanamh.

Thuirt e gun robh am balach san rathad air, agus an uair sin gun robh e den bheachd gur ann leis fhèin a bha e.

Chuala a' chùirt cuideachd gun tuirt e gun robh e airson màthair a' bhalaich a pheanasachadh "seach nach robh i a' coimhead às a dhèidh gu ceart".

Chaidh binn a chur dheth gus an d' fhuair a' chùirt aithisgean saic-eòlach, agus chaidh a chur dhan phrìosan aig Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis Diluain.

Bha Grzybek air aideachadh gun robh e ga ghiùlain fhèin gun rian le bhith a' togail a' bhalaich 's a' coiseachd air falbh leis, a' cur a mhàthar agus a' bhalaich aice ann an staid eagail agus dragh.

Dh'innis am fear-lagha aige, Niall MacUilleim, nach do thuig Grzybek cho dona 's a bha na rinn e, agus gun robh e an dòchas gun deadh a chur às an dùthaich seach dhan phrìosan.

"Dìthean"

Thuirt e gun do dh'innis e do Grzybek nach gabhadh sin dèanamh leis a' chùirt, ach gur dòcha gun tachradh e nuair a thèid a shaoradh.

Chuala a' chùirt gun robh màthair a' bhalaich anns an t-seòmar feithimh aig an stèisean, a' coimhead a mic tro bhalla ghlainne.

Nuair a thog i a sùil an dèidh dhi coimhead ri iris, bha a mac ann an gàirdean Grzybek 's e ga thoirt air falbh.

Leig e am balach faisg air ionad an stuth chaillte, agus ruith am balach gu a mhàthair 's e gu math troimhe-chèile is diombach.

Thuirt e gun robh e air eigheachd air an duine gus an leigeadh e às e, agus nach robh an duine air dad a ràdh ris.

Chaidh fios a chur air na Poilis, agus thugadh Grzybek an grèim an ath-là.

Dh'innis Grzybek do na Poilis gun robh an deoch air, gun robh e a' dealachadh bho a bhean, agus gun robh pàiste seachd bliadhna de dh'aois aige.

"Saoilidh mi gun do smaoinich mi gur ann leamsa a bha am balach. Cha do ghoirtich mi idir e. Cha robh inbheach ann, agus ghluais mi e mar gum b' e dìthean a bh' ann.

"'S e dìreach rud a rinn mi gun smaoineachadh. Bha mi a' feuchainn ri a dhèanamh toilichte", thuirt e.