Ceann Loch Seile aig a' mhullach

  • 19 Am Màrt 2018
Ball

Ghluais Ceann Loch Seile trì puingean air thoiseach air càch aig mullach na Prìomh Lìge às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Lòbhat.

Cha robh ach aon tadhal sa gheama ann an Cill Taraglain is 's e Iain MacRath a fhuair e às dèidh 14 mionaidean.

Tha seo a' fàgail gu bheil Ceann Loch Seile air 6 puingean a thogail bho na 3 geamaichean aca is iad air an seusan a thòiseachadh gu làidir.

Co-ionnan

Tha Caol Bhòid san dàrna àite is an geama acasan ri Cabair Fèidh air crìochnachadh 1-1.

Chuir Caoimhinn Bartlett Cabers air thoiseach ann an Srath Pheofhair ach fhreagair Grant Irvine le cairteal na h-uaireach air fhàgail.

A' chiad phuing do Chabair Fèidh ach briseadh-dùil do Chaol Bhòid is iad a' leigeil seachad puingean air an rathad a-rithist.

Bha aon tadhal gu leòr do Bhaile Ùr an t-Slèibh aig Mossfield an aghaidh Chamanachd an Òbain is 's e Evan Menzies a fhuair e.

Gun tadhal

Chrìochnaich Ceann a' Ghiuthsaich is Gleann Urchadain 0-0 ann am Bàideanach.

Bha prìomh sgioba an Eilein Sgitheanaich nan tàmh Disathairne ach bha fìor dheagh là aig an dàrna sgioba is iad a' soirbheachadh 4-0 an aghaidh Cheann a' Ghiuthsaich ann an Lìog Tuath 1.

Chaill Camanachd Leòdhais 2-0 ri Both Fhleisginn ann an Lìog Tuath 2 is an dà thadhal a' tighinn anns na mionaidean mu dheireadh den gheama.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile