Fear ga dhìteadh 'son teine ann an Grotto Nollaige

  • 15 Am Màrt 2018
Jason Sheridan Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh binn de dh'ochd mìosan a chur air Sheridan

Chaidh fireannach a dhìteadh airson teine a thòiseachadh ann an Grotto Nollaige ann an Inbhir Ùige.

Rinn an teine mileadh air a' ghrotto, agus an togalach anns an robh e air Sràid nan Granndach.

Cha deach duine a ghoirteachadh anns an teine air an 16mh là den Dùbhlachd an-uiridh.

Dh'aidich Jason Sheridan, 30, gur e a thòisich e, agus chaidh binn de dh'ochd mìosan a chur air.

Thuirt an Det Sdst Fiona Moar, a bha os cionn an rannsachaidh, gur e dol a-mach gu math cunnartach a bh' aige a dh'fhaodadh beatha dhaoine eile a chur ann an cunnart.

Thug i taing dhan phoball a chuidich leis an rannsachadh aca.