Bàta ga shireadh an dèidh gairm èiginn

  • 12 Am Màrt 2018
Bàta-teasairginn Mhalaig Image copyright RNLI

Tha na Maoir-Chladaich ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh dhaibh gairm èiginn bho shoitheach far chosta an iar na h-Alba.

Chuir an Hanson 2 fios air na Maoir-Chladaich goirid ro 01:00m Diluain.

Bha an soitheach clàraichte badeigin eadar Ulapul agus Tobar Mhoire.

Rinn bàtaichean-teasairginn Thobar Mhoire agus Mhalaig sgrùdadh air an sgìre airson sia uairean de thìde, ach cha do lorg iad an soitheach.

Cha deach gairmean èiginn sam bith eile bhon t-soitheach fhaighinn.

Ma tha fiosrachadh aig duine mun t-soitheaach thathas ag iarraidh orra fòn a chur gu 999 agus iarraidh a bhruidhinn ris na Maoir-Chladaich.