Coinneamh mu Chàball a' Chuain Sgìth

  • 12 Am Màrt 2018

Cumaidh Scottish and Southern Electricity Networks coinneamhan anns na h-Eileanan an Iar Diluain agus iad a' cur nam planaichean mu dheireadh gus càball-dealain a chur eadar na h-eileanan agus Tìr-Mòr air dòigh.

Bidh cothrom aig luchd-leasachaidh innse dè an ìre aig a bheil na pròiseactan aca fhèin.

Thairis air na 10 bliadhna a chaidh, bha SSEN a' feuchainn ri càball-dealain a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr.

Cumaidh iad coinneamh Diluain còmhla ris an luchd-leasachaidh agus an uair sin còmhla ris an t-sluagh.

Innsidh iad càite am bi an càball stèidhichte am measg grunn rudan eile.

Chuir a' bhuidheann Lewis Wind Power fàilte air a' choinneimh.

Thuirt iad gu bheil e deatamach gun tèid an càball air adhart, ach gum feum pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail gu leòr a bhith ann 'son an càball a dhèanamh èifeachdach.