Obair-sgeadachaidh air Caisteal Urchadain

  • 9 Am Màrt 2018
helicopter at urquhart castle Image copyright Donald MacLeod

Thòisich obair-sgeadachaidh luach £300,000 air Caisteal Urchadain air bruaichean Loch Nis, faisg air Druim na Drochaid.

Thèid staidhre ùr, air a dheanamh à darach, a chur ann an Tùr nan Granndach, a' fàgail chùisean nas fhasa dha luchd-turais na seallaidhean breàgha a tha rim faicinn thairis air an loch.

Bidh an seann staidhre lùbach fhathast air a chleachdadh 'son daoine a tha 'son feuchainn air làraich-coise nan seann morairean a bhiodh a' fuireach sa chaisteal.

480,000 a' taghal air a' chaisteil

Bithear a' dèanamh obair-càraidh air slighean-coiseachd air feadh na làraich 's thèid £80,000 a chosg air taighean-beaga ùra.

Tha dùil gu bheil an làrach cho seann ri linn nan Cruithneach 's feumar a bhith faicealach ag obair timcheall air an seo, 's leis a sin bidh pìosan dheth dùinte gu luchd-taghail gu meadhain a' Mhàirt le dìreach an Ionad-Turasachd agus an café fosgailte mar as àbhaist.

Thuirt Manaidsear Seirbheisean Luchd-turais, Euan Friseil, gum bi 480,000 a' tighinn dhan chaisteal gach bliadhna.

Image copyright Donald MacLeod

"Bidh an obair seo a' ciallachadh gum bi goireasan air leth againn 'son luchd-turais anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Cosgais nas ìsle

"Le staidhre ùr airson Tùr nan Granndach bidh e gu math nas fhasa do dhaoine brath a ghabhail air na seallaidhean breàgha a tha rim faicinn sìos Loch Nis.

Thuirt Mgr Friseil nach eil iad 'son daoine a thionndadh air falbh fhad 's a tha an obair a' dol agus leis a sin, tha an Ionad-Turasachd agus an Café fosgailte fhathast.

Thèid lùghdachadh a dhèanamh air cosgais nan tiocaidean 'son faighinn a-steach fhad 's a tha an obair a' dol, agus mhol Mgr Friseil do dhaoine taghal air àitean eachdraidheal eile san sgìre leithid Gearasdan Sheòrsa, Manachainn an Lios, agus Càrn Chlàbhalaig.