Obair air a 'Nancy Glen' air tòiseachadh

  • 9 Am Màrt 2018
Iasgairean a chaidh a dhìth
Image caption Przemek Krawczyk agus Donnchadh MacDhùghail a tha fhathast a dhìth.

Thòisich obair son spruilleach a thoirt air falbh timcheall air a' bhàt'-iasgaich, an 'Nancy Glen', a chaidh fodha ann a Loch Fìne le dithis iasgair fhathast air bòrd.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air luchd-sàbhalaidh an sgoth a thogail bho ghrunnd na mara, feuch am faigh iad lorg air cuirp an dithis fhireannach, Donnchadh MacDhùghaill agus Przemek Krawczyk.

Chaidh an 'Nancy Glen' fodha air an 18mh dhen Fhaoilleach 's gun i fada bhon Tairbeart far an robh am bàta air a clàradh.

450 troigh fon uisge

Tha a h-uile coltas gu bheil na cuirp am broinn an t-soithich.

Fhuair an treas iasgair a bha air bòrd, Iain Miller, às le bheatha, nuair a chaidh cobhair a dhèanamh air le bàt'-iasgaich a bha dol seachad air an 'Nancy Glen' aig an àm.

Tha an 'Nancy Glen' mu 450 troigh fon uisge 's tha an luchd-sàbhalaidh an dùil an sgoth a thogail gu faisg air bàrr na mara son cothrom a thoirt do dhaibhearan sgrùdadh na broinn.