Lòbhat gus tadhal air Port Rìgh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Lòbhat gus tadhal air Port Rìgh

9 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cluichidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' chiad gheama aca bho thill iad dhan Phrìomh Lìog Disathairne is Lòbhat a' tighinn a Phort Rìgh.

Bha briseadh-dùil ann dha cha mhòr a h-uile sgioba a bh' ann an t-seachdain seo chaidh, is droch shìde a' cur às dhan a h-uile geama ach Ceann Loch Seile is Gleann Urchadain.

Thàinig piseach air an aimsir bhon uairsin is tha na Sgitheanaich ag ràdh gun tèid an geama Disathairne air adhart.

Chan ann a-mhàin gur e seo a' chiad gheama aca air ais sa Phrìomh Lìog, 's e cuideachd a' chiad gheama farpaiseach aig Iain 'Spod' MacLeòid bho thill e mar mhanaidsear an Eilein.

Bha Mgr MacLeòid os cionn nan Sgitheanach eadar 2014 is 2016 nuair a dh'èirich iad bho Lìog Tuath 1 dhan Phrìomh Lìog.

Às dèidh dhaibh tuiteam bhon Phrìomh Lìog às dèidh aona sheusan, dh'fhàg e a dhreuchd is Willie Cowie a' dol na àite.

Ged a stiùir Cowie an sgioba dìreach air ais suas, cho-dhùin e fhèin an obair fhàgail aig deireadh 2017.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Donnaidh Màrtainn bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich gu bheil iad air bhioran mun t-seusan ùr.