Taic do phlana UHI

  • 9 Am Màrt 2018
Colaiste Inbhir Nis
Image caption Tha Colaiste Inbhir Nis am measg na bhiodh a' tighinn còmhla an lùib nam planaichean.

Thuirt Comann Oileanach Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean gu bheil iad a' cur taic ri molaidhean gus cuid de cholaistean na buidhne a thoirt nas dlùithe ri chèile nan obair.

Tha cuid air dragh a thogail gu bheil na planaichean a' dol an aghaidh nam prionnsabalan air an deach an UHI a stèidheachadh.

Fo na molaidhean seo, bhiodh 4 de na 13 buidhnean a tha fo bhratach an UHI a' tighinn nas dlùithe ris an oilthigh.

Oileanaich taiceal

'S iad Colaiste a' Chaisteil, Colaiste Inbhir Nis, Colaiste Mhoireibh, is Colaiste Cheann a Tuath na Gàidhealtachd a bhiodh an lùib nam planaichean seo.

Tha dragh air cuid, is iad ag ràdh gu bheil cunnart ann dha neo-eisimeileachd nan diofar bhuidhnean, is ceistean air na h-aonaidhean mu obraichean.

A-nise tha Comann Oileanach an UHI ag ràdh gu bheil iadsan a' cur taic ri na planaichean.

Thuirt ceann-suidhe na buidhne, Holly Scrimgeour, gur e dòigh a bhiodh ann goireasan a roinn, is dòighean-obrach is poileasaidhean air feadh an lìonra a chur air an aon ràmh.

Thuirt i nach eil sin a' tachairt an-dràsta, is gu bheil diofar phoileasaidhean aig gach colaiste a' cur maill air oileanaich.