Iomairt Liam a' leantainn an Inbhir Nis

  • 9 Am Màrt 2018
Eamonn Colgan
Image caption Tha Eamonn Colgan ag ràdh gun cùm an teaghlach air a' feuchain ri lorg fhaighinn air Liam.

Bidh taighean-seinnse ann an Inbhir Nis an sàs ann an iomairt shònraichte thairis air an deireadh-sheachdain mar thaic air oidhirp gus lorg fhaighinn air Liam Colgan.

Chaidh Liam a dhìth sa Ghearmailt bho chionn mìos agus e air turas a Hamburg le a bhràthair agus caraidean.

Tha an teaghlach ag ràdh gu bheil iad gu tur den bheachd gu bheil e beò fhathast.

Bha Liam air an turas a chur air dòigh air thoiseach air banais a bhràthair Eamonn - a bha còrr tachairt an t-seachdain seo chaidh.

Iomairt Inbhir Nis

Ach chaidh Liam a sgaradh bhon bhuidhinn tràth madainn Dhisathairne an 11mh de Ghearran 's chaidh fhaicinn mu dheireadh air dealbhan CCTV goirid an dèidh sin.

Thuirt Eamonn Colgan gu bheil an teaghlach cinnteach gu bheil Liam fhathast beò, agus tha iad a' dol a chumail orra a' coimhead air a shon.

Tha seo a' tighinn agus taighean-seinnse ann an Inbhir Nis, far an do rugadh 's a thogadh Liam, a' tighinn còmhla 'son airgead a thogail thairis air an deireadh sheachdainn gus taic a chumail ris an teaghlach.