Còrr is £100m a dhìth 'son rathaidean na Gàidhealtachd

  • 8 Am Màrt 2018
Toll anns an rathad Image copyright PA
Image caption Cha chosg a' Chomhairle ach mu £8m air na rathaidean anns an ath-bhliadhna ionmhais

Chaidh innse do chomhairlichean Gàidhealach gun cosgadh e còrr is £100m 'son rathaidean na sgìre gu lèir a chàradh.

Thuirt Stiùiriche nan Coimhearsnachdan gum feumadh iad £20m a chosg fiùs 's airson an cumail aig an ìre aig a bheil iad an-dràsta.

Am bliadhna, cha tèid a chosg orra ach mu £8m.

Rathaidean a' crìonadh

Dh'aidich fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Ailig Greumach, gu bheil tòrr a bharrachd na sin a dhìth, 's gur ann a tha stait nan rathaidean a' dol nas miosa.

"Chì thu sin bho na h-aithisgean a tha a' dol gu na comataidhean, gu bheil na rathaidean againn timcheall air 10% nas miosa anns na sia bliadhna a chaidh seachad - tha sin a' ciallachadh nach eil sinn a' càradh nan rathaidean cho luath 's a tha iad a' tuiteam às a' chèile".

Thuirt e gu bheil a' bheàrn eadar na chosgas iad air na rathaidean am bliadhna, agus an obair a tha a dhìth orra, a' fàgail gur ann a bhios na rathaidean ann an stait nas miosa an ceann bliadhna na tha iad an-dràsta.

"Tha e dìreach gu leòr 'son càradh nan toll as miosa agus bidh sinn a' coimhead ri rathaidean bliadhna bhon dràsta, bidh iad beagan nas miosa na tha iad an-dràsta fhèin".

"'S e an aon dòigh air adhart 's e airgead a' tighinn bhon taobh a-muigh an aiteigin - agus tha sin a' ciallachadh an Riaghaltas".

Tha a' Chomhairle am beachd tuilleadh airgid iarraidh bhon Riaghaltas 's iad ag iarraidh gun aithnich iad an "suidheachadh sònraiche" anns a' bheil a' Ghàidhealtachd a thaobh na th' aca de rathaidean agus am milleadh a rinn sìde reòite orra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile