Cead ga mholadh do leasachadh taigheadais

  • 8 Am Màrt 2018
Càrn aig làrach a' bhlàir Image copyright dr julian paren/geograph
Image caption Tha luchd-glèidhteachais ag ràdh gum biodh na taighean ro fhaisg air làrach a' bhlàir

Tha Comataidh dealbhachaidh de Chomhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead a thoirt do sgeama taigheadais connspaideach faisg air làrach Chùil Lodair.

Tha an luchd-leasachaidh ag iarraidh sia taighean deug a thogail aig Tuathanas Viewhill - mu mhìle air falbh bho ionad turasachd Chùil Lodair.

Chaidh cead a thoirt dhan leasachadh an toiseach ann an 2014 - às dèidh tagradh chun an Riaghaltais - ach cha deach na taighean a thogail.

Chaidh an làrach an uair sin a ghabhail thairis leis a' chompanaidh Kirkwood Homes.

Tha buidhnean glèidhteachais a' cur gu làidir an aghaidh nan taighean ùra 's dragh orra gum biodh iad ro fhaisg air làrach a' bhlàir.

Thig na planaichean air beulaibh na Comhairle an ath-sheachdainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo