Mì-thoileachas am Baile Dhubhthaich

  • 7 Am Màrt 2018

Tha pàrantan ann am Baile Dhubhthaich feargach nach eil fhathast planaichean aig Comhairle na Gàidhealtachd airson leasachadh a thoirt air togalaichean sgoile an sin.

Tha buill den Chomhairle a' cumail coinneimh shònraichte an-diugh a bhruidhinn air a' phlana calpa aca airson na h-ath-bhliadhna ionmhais.

Chan eil an t-ùghdarras air airgead sam bith a chuir ma seach airson campus sgoile ùr airson clann eadar 3 is 18 bliadhna de dh'aois ann am Baile Dhubhthaich.

Tha iad ag ràdh ge-tà gu bheil dùil aca tagradh a chuir a steach airson airgead bho Riaghaltas na h-Alba tron Scottish Futures Trust.

Thuirt Cathraiche Comhairle Phàrant Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich, Wendy Hennam, gu bheil an naidheachd na briseadh-dùil gu math mòr dhaibh agus tha eagal orra a-nise nach tig an sgoil ùr gu bith idir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile