"Bu chòir bradan àrach air tìr"

  • 6 Am Màrt 2018
Bradan Image copyright PA

'S ann air tìr, seach aig muir a bu chòir a bhith ag àrach a' bhradain, an rèir Dhonnchaidh MhicAonghais, Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar.

Bha e a' bruidhinn agus aithisg bho Phàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil cunnart ann gun dèan tuathanas a' bhradain milleadh nach gabh a chur ceart air àrainneachd mara na h-Alba, mur a tèid dèiligeadh ris an dragh a th' ann mun ghnìomhachas.

Thuirt an aithisg bho Chomataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail aig Holyrood gum feum piseach tighinn air cùisean.

Thuirt riochdairean bhon ghnìomhachas ge-tà gu bheil iad ag amas air dòighean obrach seasmhach a bhith aca chum maith na h-àrainneachd.

Bha Donnchadh MacAonghais ag ràdh: "Tha gnìomhachas àrach a' bhradain air a bhith a' dol a-nis airson faisg air 40 bliadhna agus tha na h-iasgairean air crìonadh fhaicinn air maorach, anns na h-uisgeachan as taine gu h-àraid.

"Air na bliadhnaichean a tha a' dol seachad, thathar a' faicinn gu bheil gnìomhachas a' bhradain ag ràdh gum bi a h-uile càil math gu leòr nuair a ghluaiseas sinn gu uisgeachan nas doimhne, ach chan ann mar sin a tha cùisean a' dol idir."