Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

6 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Salisbury

Tha an Ruis a beachdachadh air taic a thoirt do phoileas ann am Breatainn a tha a' rannsachadh tachartas ann an Salisbury a dh' fhàg fear a bha na àidseant dhan an dà thaobh fìor ìosal anns an ospadal. Bha Sergei Skripal sa phrìosan ann am Mosgo airson fiosrachadh mun Ruis a thoirt do MI6, ach chaidh a shaoradh ann an 2010 agus bhon uairsin tha e a bhith a' fuireach ann am Breatainn. Tha na poilis a rannsachadh de seòrsa stuth a thug buaidh air agus a dh' fhàg gun mhothachadh e ann an Salisbury bho chionn dà là.

Aimsir

Chur frasan geamhradail tuilleadh maill air draibhearan ann am meadhan na h-Alba sa mhadainn. Thug sneachda, flin agus uisge trom buaidh air prìomh rathaidean mar an M8, M80 agus an M77. Bha na h-uimhir de sgoiltean ann an Siorrachd Lannraig agus ann am meadhan Lodainn nas fhaide gun fosgladh. Thèid oidhirp eile a dhèanamh an-diugh air rathad fhosgladh tron t-seachda gu sgìre Carron Valley ann an Siorrachd Shruighlea far a bheil coimhearsnachd de 30 air a bhith glacte bho chionn sia là.

Bradan

'S ann air tìr, seach aig muir a bu chòir a bhith ag àrach a' bhradain, an rèir Dhonnchaidh MhicAonghais, Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar. Bha e a' bruidhinn agus aithisg bho Phàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil cunnart ann gun dèan tuathanas a' bhradain milleadh nach gabh a chur ceart air àrainneachd mara na h-Alba, mur a tèid dèiligeadh ris an dragh a th' ann mun ghnìomhachas.

Ministear

Chaidh iar-mhinistear na h-Eaglaise Saoire air a' Bhac ann an Leòdhas chur far a dhreuchd rè ùine. Chaidh innse dhan choithional Là na Sàbaid gun do choinnich Clèir nan Eilean Siar Diardaoin seo chaidh a bheachdachadh air fiosrachadh a fhuair iad mun Urramach Dàibhidh MacDhòmhnaill. Cha d' thuirt Clèir na h-Eaglaise dad ach nach biodh an t-Urr MacDhòmhnaill ri chuid obrach mar mhinistear fhad sa tha rannsachadh a dol air adhart.

Spòrs

Tha luth-chleasaichean, riochdairean diofar spòrs, agus eòlaichean meidigeach am measg na chruinnicheas ann an Dùn Èideann an-diugh nuair a thèid molaidhean ùra fhoillseachadh airson dèiligeadh ri buillean mun cheann ann an spòrs. Ann an 2015 b'i Alba a' chiad dhùthaich air an t-saoghal a'stèidhich riaghailtean 'son an leithid.