Plana ùr 'son dèiligeadh ri fèidh

  • 6 Am Màrt 2018
Fèidh

Thèid plana fhoillseachadh 'son dèiligeadh ri fèidh air feadh Leòdhais agus na Hearadh an t-seachdain seo.

Ged a tha na h-oighreachdan fa leth air a bhith a' dèanamh an cuid fhèin cha deach dad a dhèanamh fhathast ann an dòigh co-òrdanaiche air feadh Leòdhais agus na Hearadh.

Chaidh Buidheann Riaghlaidh nam Fiadh a chur air chois sna h-Eileanan bho chionn ghoirid.

Tha a' bhuidheann a' dol a dh' fhoillseachadh plana foirmeil an t-seachdain seo airson dèiligeadh ris na fèidh.

Thathas ag amas air dèiligeadh ris a' chùis ann an dòigh co-òrdanaiche, le 20 buidheann air feadh Leòdhais agus na Hearadh an sàs ann.

Thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, a tha cuideachd na bhall de Bhuidheann Riaghlaidh nam Fiadh, gu bheil iad air adhartas a dhèanamh ann a bhith a' toirt na h-oighreachdan còmhla.

''Thèid aona phlana airson Leòdhas agus na Hearadh a dhèanamh.''

''Sàbhalaidh e airgead do dhaoine agus bidh an dealbh a gheibhear aig deireadh chùisean tòrr nas freagarraiche a thaobh na h-àireamhan a th' ann agus dè an gluasad a tha iad a' dèanamh.''

''A bharrachd air an sin, dh' fhaodadh cothroman eaconomaigeach thighinn às a thaobh na h-uachdarain, agus dh' fhaodadh a' choimhearsnachd a bhith nas fiosrachail mun àrainneachd agus mu na fèidh a tha timcheall orra,'' thuirt e.

Thèid na planaichean aig Buidheann Riaghlaidh nam Fiadh fhoillseachadh ann an oifisean Urras Steòrnabhaigh Diardaoin agus aig Ionad Fèill Aiteachais nan Loch.

Bidh cothrom aig daoine na planaichean fhaicinn cuideachd ann an oifisean Urras Cheann a Tuath na Hearadh Dihaoine.